FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Care home opens in Harris Dachaigh-cùraim na Hearadh air fhosgladh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Dachaigh-cùraim na Hearadh air fhosgladh

[Màiri Rodgers – Preseantair] Chaidh Dachaigh-cùraim na Hearadh, Harris House, fhosgladh gu h-oifigeil an-diugh. Tha muinntir na Hearadh air a bhith a’ feitheamh coig-bliadhn’-deug airson an latha a tha seo. Gu h-àraidh is duilgheadasan ann nuair a chaidh a’ chiad chompanaidh a bha ga thogail ann an rianachd, ach tha goireasan aca a-nis am measg a’ chuid as fheàrr anns an rìoghachd. Seo Aonghas Dòmhnallach.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Thòisich an iomairt airson taigh-cùraim ùr a dheigheadh an àite an t-seann Harris House dìreach ron bhliadhna dà-mhìle. Tha iomadach car is tionndadh air a dhol sa chùis bhon uair sin, ach an-diugh, tha taigh-cùraim aca air an Tairbeart a chosg còrr is sia millean not agus a tha cho goireasach ri àite sam bith ann am Breatainn.

[Mòrag Rothach] Thug sinn greis mhòr a’ lorg an airgid an toiseach, is an uair sin bha uiread de dhuilgheadasan ann, ach tha e mìorbhealach gu bheil e ann an seo, agus cho math is a tha e. Tha e uabhasach fhèin feumail, agus tha e uabhasach fhèin goireasach dhan luchd-obrach agus dhan fheadhainn a tha a’ fuireach ann.

[Ceit Ann Young] Tha sinn air a bhith a’ feitheamh speil ach tha sinn air a bhith fortanach leis a h-uile càil, mar a chaidh e. Oir, thug e dhuinn tòrr ùine, airson dèanamh cinnteach gu robh a h-uile càil ceart againn. Agus, tha mi a’ smaoineachadh gu robh sin, gur e rud math a bh’ ann an sin.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Ged a bha iad fada a’ feitheamh ris a’ ghoireas a tha seo fhaighinn air dòigh, tha sin a’ ciallachadh gun d’ fhuair iad aon dhe na goireasan as fheàrr a tha anns na h-Eileanan. Bha Oighrig NicIllFhinnein os cionn an t-seann dachaigh deich-bliadhna-fichead, agus b’ e ise a dh’fhosgail an dachaigh ùr gu h-òifigeil. Tha cliù aig an t-seann Harris House a bhith dìreach mar an dachaigh fhèin do dhaoine a tha a’ tighinn ann, agus tha an dachaigh ùr gu a bhith air a’ ruith san aon dòigh.

[Ceit Ann Young] Tha doras aca dhaibh fhèin, agus mar a tha an t-àite air a dhèanamh, tha seòrsa de solas beag air taobh a-muigh nam bedrooms aca airson an oidhche, agus tha letterbox air na dorsan aca, agus dealbh air na dorsan aig na bedrooms, agus aithnichidh iad am bedroom a th’ aca fhèin, agus tha e mar gum biodh dìreach an dachaigh aca fheìn.

[Morag Rothach] Uill tha e a’ ciallachadh gu faod na seann daoine fuireach nan coimhearsnachdan fhèin, agus nach leig iad a leas a dhol a-mach às na Hearadh airson an cùram a tha a dhìth orra aon uair is nach urrainn dhaibh a bhith nan taighean fhèin.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] ‘S e an aon dragh a th’ ann, nach bi daoine òg gu leòr ann a dh’aithgheàrr a chumas cùram ris na bhios ann de sheann dhaoine.

[Morag Rothach] Tha àireamh nan daoine aosta a’ fas nas motha, ach tha àireamh nan daoine òga a’ dol sìos, agus gu h-àraidh tha luchd-cùraim ann an teaghlaichean an-diugh, chan eil teaghlaichean ann, teaghlaichean mòra mar a b' abhaist, agus tha tòrr theaghlaichean air falbh air tìr mòr, agus tha sin na dhuilgheadas agus na uallach.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Tha dùil gun seas an goireas a tha seo co-dhiù dà-fhichead bliadhna. Aonghas Dòmhnallach, BBC An Là, air An Tairbeart.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!