FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The fishing industry in Uist Gnìomhachas an iasgaich ann an Uibhist

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Gnìomhachas an iasgaich ann an Uibhist

[Iain MacIllEathain – Preseantair] Tha e na shamhla air cho dòchasach ‘s a tha cùisean a’ coimhead do gnìomhasach an iasgaich ann an Uibhist, gum bi triùir sgiobairean air còrr is aon gu leth millean not a chosg air eathraichean ùr ro mheadhan na h-ath bhliadhna. Tha aon de na bàtaichean-iasgaich, an Charlene Ann, air a dhol gu muir mu thràth agus tha a dhà eile an-dràsta gan tògail. Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha gnìomhasach an iasgaich a’ cumail grunn mòr dhaoine ann an cosnadh eadar cheann Uibhist. An chuid aig muir agus air tìr. An-dràsta thathar ag ath-nuadhachadh gu mòr a’ chabhlach iasgaich ann an Uibhist.. Tha a’ chiad bhàta ùr, an Charlene Ann, dìreach air a dhol dhan uisge.

[Dòmhnall Eàrdsaidh Macneachail] ‘S e catamaran a th’ innte. Tha an eathar dìreach air a togail timcheall air sàbhailteachd. Tha barrachd rùim agad agus tha barrachd astar agad, is tha range agad, agus bheir i leatha mu chòig cheud cliath. So, that’s like, an dàrna leth dhe na clèibh agam air an aon luchd. So, faodaidh mi cliabh a shioftadh pìos mòr.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Thathar cuideachd a’ togail catarmaran eile agus bàta nas traidiseanta. ‘S i am bàta sin an as motha dhe na trì. Agus bidh na h-iasgairean air falbh bhon phort leatha sin fad na seachdain.

[Daibhidh Stiùbhart] Tha i gu bhith, car, an aon fhaid’ ris an eathar a th’ againn. Tha i gu bhith a’ slaodadh sia-deug do dhreidsean, seach mar an eathar a th’ againn, tha i a’ slaodadh ceithir-deug. Tha còir gum bi an eathar ùr againn, gum bi i gu math nas fhurasta airson obair. Agus gum bi i gu math nas cofhurtail airson fuireach innte. Agus an rud as cudromaiche, ‘s e, gum bi i ùr, agus cha bhi a leithid do maintenance agad ann.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Ged a tha taic ann, mar iasad gun riadh airson bàta a cheannach, chan eil taic sam bith ri fhaighinn airson bàta-iasgaich gu tur ùr a thogail. Feumaidh misneachd gu leòr a bhith aig triùir iasgairean millean agus sia-ceud mìle not a chur a-mach airson trì eathraichean.

[Dòmhnall Eàrdsaidh Macneachail] Tha sinn a’ faighinn prìsean mòra air muasgain-caola an ceart-uair. An bhliadhna mu dheireadh bha iad math againn. Ach, mu chòig bliadhna air ais, bha iad gu math gann an uair sin. Ach chan eil uimhir de dh’eathraichean a-muigh ‘s a bha ann a-nis. Tòrr dhe na eathraichean-luadh air falbh, tha leithid do chosgais ann.

[Daibhidh Stiùbhart] Thòisich mise ag iasgach mu seachd bliadhna air ais agus chan fhaca mise cho math seo fhathast. Tha sinn a’ cleachdadh tòrr creachainn agus tha airson a dhà no trì bhliadhnaichean. Agus am-bliadhna, tha prìs air a bhith math.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha dùil ris an bhàta ùr eile eadar an Earrach agus toiseach an t-Samhraidh an ath-bhliadhna. Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, Uibhist.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!