FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Margaret Fay Shaw's pictures Dealbhan Maighread Faye Sheathach

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Dealbhan Maighread Faye Sheathach

[Angela NicIllEathain – Preseantair] Bha Maighread Faye Sheathach ainmeil airson an obair a rinn i a’ cruinneachadh òrain Ghàidhlig. Bha cliù aice cuideachd airson a bhith a’ tarraing dhealbhan air feadh nan eilean agus nan ceàrnaidhean eile. Thèid cuid de na dealbhan a tha sin a-nis fhoillseachadh ann an leabhar ùr. Tha fear dhe na dealbhan a’ dol air ais gu na ficheadan. Tha an aithris-sa aig Shona NicDhòmhnaill.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Nuair a bha an leabhar aig Maighread Faye Sheathach, air na h-òrain a chruinnich i ann an Uibhist, air a chlò-bhualadh, thug i leth-bhreac dhe gu Màiri agus Peigi Anndra, agus chlàir i sin ann an dealbh. Mar a bha i a’ cruinneachadh òrain, bha i cuideachd a’ tarraing dhealbhan. Tha dealbhan ann a chaidh a thogail air Barraigh, Hiort agus mar a bhiodh dùil, Canaidh.

[An t-Àrd Oll. Ùisdean Cheape] Tha iad a’ dol, ann an dòigh, cho domhainn agus mar a tha faireachdainn aig Maighread Faye Shaw an dèidh a bhith a’ fuireach sa sgìre seo fad bhliadhnaichean, bha seòrsa faireachdainn cho domhainn agus tha mi a’ creidsinn gu bheil na faireachdainnean sin a’ tighinn suas fad na h-ùine.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chaidh mu dhà fhichead dealbh anns a chruinneachadh de mhìltean a shealltainn aig Taigh Tasgaidh Chill Donainn aig an deireadh sheachdain. Mhair an ceangal dlùth eadar Maighread agus Uibhist a Deas fad a beatha. Mar sin, ‘s e mu cheud dealbh a chaidh a tharraing an sin a thathar an dùil a chur ann an leabhar a dh’fhoillsicheas Urras Leabhraichean nan Eilean. Tha fiosrachadh sgrìobht’ ann mu chuid dhiubh.

[Alasdair MacEachainn – Urras Leabhraichean nan Eilean] Gu leòr a-rithist dhe na cruinneachaidhean agus dhe na seann dealbhan, chan ann tric sam bith a chì sibh mu dh’fhaoidte rud sgrìobte air na dealbhan no mun deidhinn, ag innse th’ ann agus tha mi a’ smaointinn fhad ‘s a tha daoine timcheall fhathast aig a bheil am fiosrachadh a tha sin, tha e cudromach gum bi an gnothach air a chur ri cheile.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Thog i iomadh dealbh dha daoine ag obair; buain na mònadh, ruisgeadh chaorach agus a’ cur a’ bhuntàta, nan geamaichean agus seallaidhean an àite. Grunn dhealbhan air Màiri agus Peigi Anndra, na peathraichean còmhla ris an do dh’fhuirich i ann an Uibhist a Deas. Aon dùbhlan a bhios mu choinneamh an Urrais, ‘s e taghadh a thig dhan leabhar.

[Alasdair MacEachainn – Urras Leabhraichean nan Eilean] Is dòcha gun tèid a bhriseadh suas mar dhealbhan, no sgìre air choreigin, no cuspair a leithid iasgach no croitearachd no, fhios agad, rud mar sin fhèin. So, ach tha mise a’ smaointinn gur e dìreach a’ coimhead air ais, ann an ùine ghoirid, bha mi ag ràdh, an t-atharrachadh a th' air tighinn air cuid de na h-àitichean agus na cleachdaidhean.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Bidh deich bliadhna ann, air a’ mhìos seo, bho chaochail Maighread. Agus, ‘s ann mar chomharra air an sin a thathar a’ beachdachadh an leabhar seo a chlò-bhualadh. Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, Uibhist a Deas.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!