FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The weather with Kirsteen MacDonald An Aimsir le Kirsteen NicDhòmhnaill

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

An Aimsir le Kirsteen NicDhòmhnaill

[Angela NicIllEathain – Preseantair] An aimsir a-nis, agus tha sin aig Kirsteen.

[Kirsteen NicDhòmhnaill – Neach-aithris na h-aimsir] Tapadh leatsa dha-rìribh, feasgar math, a chàirdean. Uill, toiseach oifigeil a’ gheamhraidh an-diugh agus gu dearbha, ‘s ann geamhradail a bhios an aimsir tro mhòran sgìrean an t-seachdain-sa.

[Kirsteen NicDhòmhnaill – Neach-aithris na h-aimsir] A-nochd, ma-tà, tha an t-uisge a tha seo gu bhith a cumail a’ dol a’ putadh air falbh gu an ear-dheas. Air a chùlaibh aimsir gu math nas tiorma agus nas fhuaire, le greisean fada de dh’iarmailt shoilleir agus dealt reòthaidh gu sònraichte a-staigh air an dùthaich, air an Tuath. Bidh beagan frasan ri fhaicinn tro oisean an Iar-Thuath a-nochd a bhios geamhradail air na monaidhean is iad air am putadh a-staigh air a’ ghaoith bhon iar-thuath a bhios ag èirigh beagan anns na sgìrean-sa mar a thèid an oidhche air adhart. Mu dhà celsius fo ìre reòthaidh aig a’ char as ìsle a-nochd. Anns a’ chumantas tro na bailtean mòra, eadar mu dhà agus ceithir celsius anns a’ chumantas.

[Kirsteen NicDhòmhnaill – Neach-aithris na h-aimsir] A-màireach, tha sinn a’ tòiseachadh an latha tioram do mhòran sgìrean, ach caran fuar agus reòthte do chuid. Mar a thèid an latha air adhart, mairidh an tìoradh mun ear, mu mheadhan agus mu cheann an deas na dùthcha, le greisean de shoillearachd agus grèine am pailteas. Tro oisean an Iar-Thuath, ge-tà, tha sinn a’ sùileachadh gu mair i frasach, gu h-àraidh sa mhadainn le frasan geamhradail air na monaidhean agus fiù ‘s gu ruige an talamh àrd, co-dhiù airson greiseag. Ach feasgar tha sinn a’ sùileachadh gur ann nas aotraime agus nas sgapte a bhios na frasan a tha seo, agus gu dearbha, gum bi greisean de shoillearachd agus grèine eatorra agus gun leagh sneachda sam bith a-staigh air an duthaich air an talamh àrd.

[Kirsteen NicDhòmhnaill – Neach-aithris na h-aimsir] A’ ghaoth gu bhith ag atharrachadh a-rithist, is i a’ tighinn bhon Iar no bhon Iar-Dheas feasgar a-màireach, agus i mu ochd celsius aig a’ char as àirde mun Iar. Dhan a chòrr ge-tà, tha sinn a’ sùileachadh gu mair an tioradh le greisean de shoillearachd agus grèine mar a bha mi ag ràdh, car fuar ge-tà, aig eadar mu chòig agus seachd celsius le gaoth lag a-staigh air an dùthaich.

[Kirsteen NicDhòmhnaill – Neach-aithris na h-aimsir] A’ toirt sùil air adhart gu ciaradh an fheasgair, ‘s ann fuar a bhios i agus tioram tro mhòran sgìrean dhen dùthaich, agus a-rithist, na frasan a tha seo a’ cumail a’ dol tro oisean an Iar-Thuath.

[Kirsteen NicDhòmhnaill – Neach-aithris na h-aimsir] A’ toirt sùil air adhart gu Diciadain agus ‘s e bruthadh àrd a bhios os cionn na h-aimsire fhathast gu ìre mhòr. Mar sin dheth, ‘s ann tìoram a bhios cùisean anns a’ chumantas, le greisean de shoillearachd agus grèine do mhòran sgìrean mun Ear. Mun Iar ge-tà, caran sgòthach le smugaraich uisge aig amannan, eadar ochd agus deich celsius mun Iar, nas fhuaire mun Ear.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!