FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Donald Morrison in conversation with Brigadier John MacFarlane Dòmhnall Moireasdan ann an còmhradh ri Brigadier Iain MacPhàrlain

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo with the Brigadeir John MacFarlane Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo leis am Brigadier Iain MacPhàrlain

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Dòmhnall Moireasdan ann an còmhradh ri Brigadier Iain MacPhàrlain

[Dòmhnall Moireasdan – Am Preseantair] Brigadier? ‘S e inbhe mhòr a tha sin anns an airm, nach e? Dìreach rank mu dheireadh mus eil am facal seanalair a’ tighinn?

[Brigadier Iain MacPhàrlain] Tha sin fìor, tha. ‘S e seanalair a th’ ann, ach le aon reul, mar a tha iad ag ràdh, one star General.

[Dòmhnall Moireasdan – Am Preseantair] Agus chan e a-mhàin gun tug sibh bliadhnaichean san airm a’ ruith nan ìrean sin, ach ‘s e Brigadier, Am Brigadier a th’ annaibh fhathast.

[Brigadier Iain MacPhàrlain] ‘S e, ‘s e gu dearbh agus tha mi a’ smaoineachadh gur e seòrsa de frith-ainm a th’ agamsa anns a’ bhaile fhèin ann an Taigh an Uillt, ‘s e Brigadier a tha daoine a’ canadh rium mar a tha iad a’ bruidhinn mu mo dheidhinn. Agus a’ creidsinn gu bheil iad a’ fochaid orm, chan eil fhios agam ach co-dhiù, tha e a’ còrdadh rium gu bheil iad toilichte gu bheil am Brigadier nam measg.

[Dòmhnall Moireasdan – Am Preseantair] Ach, tha an tiotal agaibh gu h-oifigeil fhathast, nach eil? Faodaidh sibh a chleachdadh.

[Brigadier Iain MacPhàrlain] Ò, faodaidh, faodaidh gu dearbh.

[Dòmhnall Moireasdan – Am Preseantair] Nise, mar dhuine mar sibh fhèin, Gàidheal, chan ann tric a ruigeas Gàidheal an ìre sin ann an airm. Mar as trice, ‘s ann bho dhaoine spaideil a tha brigadier a’ tighinn nach ann?

[Brigadier Iain MacPhàrlain] Gu dearbh, ‘s e daoine uasal a th’ annta air fad, ach tha mise a’ smaoineachadh gur e duine uasal a th’ annam-sa co-dhiù, ach tha sin dìreach spòrs, ach tha thu ceart. Uill, bha seanalairean ann a thàinig à Muile agus à Latharna cuideachd. Bha Caimbeulaich aig an ceann aig Sevastopol agus Balaclava agus àiteachan mar sin. Ach ‘s e a’ chiad uair airson tacan, Brigadier a’ tighinn às na Gàidheil. Tha mi a’ smaoineachadh gur e an aon Bhrigadier a th’ annam anns an airm Bhreatannach aig a bheil Gàidhlig.

[Dòmhnall Moireasdan – Am Preseantair] Tha mi làn cinnteach gur e. Cò an seòrsa duine anns na bliadhnaichean mu dheireadh a bha sibh anns an airm, cò an seòrsa duine eile a bha àrd anns an airm? An e mic nan diùcannan, ‘s dòcha nach e buileach ach ‘s ann bhon stoc sin a bha iad, tha mi cinnteach?

[Brigadier Iain MacPhàrlain] Uill, tha sin fìor agus chan eil e fìor agus chan eil e fìor ann an taobh eile, mòran dhiubh, ‘s e daoine uasal a bh’ annta agus bha mòran dhiubh ann an sgoiltean prìobhaideach agus bha mòran dhiubh gu sònraichte anns na Guards, tha mi a’ creidsinn gun robh tiotalan aca ach an airm Bhreatannach aig an àm seo, ma tha thu math, thig thu don uachdar, tha fhios agad, agus tha cothrom aig a h-uile duine.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!