FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gaelic students at Glasgow university for more than 500 years Oileanaich Gàidhealach air Oilthigh Ghlaschu airson còrr is 500 bliadhna

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Oileanaich Gàidhealach air Oilthigh Ghlaschu airson còrr is 500 bliadhna

[Iain MacAonghais – Preseantair] Nise, tha còrr is ceud bliadhna ann bhon stèidhichear cathair Ceilteach aig Oilthigh Ghlaschu, ach tha Gàidheil air a bhith ga fhrithealadh bho chionn còrr air còig cheud bliadhna, ged nach eil e an-còmhnaidh follaiseach gu robh an cànan aig cuid aca. A-nis ge-tà, tha làrach-lìn a' foillseachadh rannsachadh air eachdraidh na Gàidhlig aig an Oilthigh. Tha an aithris seo aig Andreas Wolff.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Chaidh Oilthigh Ghlaschu a stèidheachadh ann an ceithir-ceud-deug caogad ‘s a h-aon agus le sin, ‘s e an ceathramh Oilthigh as sine ann an saoghal na Beurla. Ach, tha eachdraidh Ghàidhlig aige cuideachd.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha na h-oileanaich an seo a’ dèanamh deiseil airson nan deuchainnean aca, na measg tha oileanaich ann an Roinn na Ceilteis agus na Gàidhlig. Chaidh an roinn sin a stèidheachadh bho chionn còrr is ceud bliadhna, ach tha eachdraidh na Gàidhlig aig an Oilthigh gu math nas sine na sin.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha làrach-lìn ann a-nise a tha ag innse sgeulachd nan Gàidheal a bha a’ frithealadh an Oilthigh.

[An Dr Aonghas MacCoinnich – Oilthigh Ghlaschu] Bha feadhainn aca a bha gu math cliùiteach nan latha fhèin. Chan eil cus fianais orra mar Ghàidheil ge-tà, agus ‘s e sin an rud a tha inntinneach mu dheidhinn a bhith a’ coimhead air eachdraidh nan Gàidheal agus a’ feuchainn ri lorg eachdraidh nan Gàidheal aig an Oilthigh anns na seann linntinn, gu h-àraidh, tha feadhainn aca agus bha iad cho cliùiteach agus gu bheil iad a’ nochdadh anns an Oxford Dictionary of National Biography mar eisimpleir, ach chan eil guth aca gu math tric gu robh Gàidhlig aig na daoine seo.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha àite cudromach aig a’ Chomann Oiseanach ann am beatha an Oilthigh. Ann an ochd-ceud-deug trithead ‘s a naoi, mar eisimpleir, chuir iad athchuinge air dòigh gus Ollamh Gàidhlig fhaotainn. Sa latha a th’ ann, tha iad a’ toirt cothroman còmhraidh do dh’oileanaich.

[Shannon Cowie] Gu h-àraidh airson daoine nach eil a’ dèanamh Gàidhlig air sgàth is gu bheil iad a’ cur air, mar, tòrr tachartasan 's urrainn dhomh a bhith a’ dol ann a’ bruidhinn Gàidhlig ri mo charaidean. ‘S e dìreach rud math, mar sòisealta a th’ ann, chan e gu bheil thu ga dhèanamh ann an clas.

[Ceitidh NicDhòmhnaill] Tha sinn uile a’ bruidhinn Gàidhlig agus tha mi a’ smaointinn gu bheil e gu math cudromach a’ cleachdadh a’ chànain ann an suidheachadh mar sin.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Chaidh an Comann a stèidheachadh ann an ochd-ceud-deug trichead ‘s a h-aon. An-diugh, tha mu thrithead ball aca.

[Karen Oakley – Comann Oiseanach Oilthigh Ghlaschu] Tha an Comann air a bhith a’ dol airson cha mhòr cheud bliadhna. Is e aon de na Chomainn as aosta, as sine, san Oilthigh, tha sinn a’ tuigsinn. Agus, tha mise a’ smaointinn, mar a tha e an-diugh, tha e a’ toirt cothroman do dhaoine aig a bheil Gàidhlig, Gàidhlig a bhruidhinn ri chèile.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] B’ ann ann an mhìle ‘s a deich a-mhàin a chaidh Cathair stèidhichte a chruthachadh ann an Gàidhlig. Le sin, tha cuid den bheachd gu bheil suidheachadh a’ chànain aig an Oilthigh nas làidire na bha e riamh. Andreas Wollf, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!