FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Harris Tweed weavers and their looms Breabadairean a’ chlò Hearaich is na beairtean aca

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Breabadairean a’ chlò Hearaich is na beairtean aca

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Tha breabadairean a’ chlò Hearaich a’ cur crìoch air bliadhna ann an sunnd mhath. Tha an àireamh bhreabadairean air èiridh, tha clòithtean gu leòr ann agus tha dòchas gu lean seo an ath bhliadhna. Rinnear adhartas cuideachd ann a bhith a’ dèanamh nam beairtean nas fhasa an obrachadh agus ann a bhith a’ faighinn pìosan airson an càradh. Tha tuilleadh aig Aonghas Dòmhnallach.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Tha mu sheachd fichead breabadair a’ fighe clò a-nise, agus a’ mhargaid a’ coimhead math. Ach tha obair aca fhathast ri dhèanamh, airson dèanamh cinnteach gum bi e furasta dhaibh na beairtean a chàradh agus an cumail a’ dol. Tha iad an dòchas nach bi e fada gus am faigh iad air beairtean a chumail ri na breabadairean aig prìs reusanta.

[Niall MacLeòid – Comann nam Breabadairean] Tha mi an ìre mhath cinnteach gun dèan sinn sin, gu bheil a’ chuid as motha de phìosan againn ach tha sinn a’ cumail ag obair a’ feuchainn ri rudan a lorg. Ach ‘s e lùiginn-sa agus ‘s e an rud a lùigeadh na breabadairean, gum bi a h-uile pìos tha sin anns an aon àite, gum bi fios aca càite an tèid iad is gum faigh iad beairtean agus pìosan ceart agus rudan a sheasas.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Tha iad cuideachd an dòchas gun tig trèanadh airson na beairtean a chàradh – seòrsa de dhotair beirt. Tha fear dhe na breabadairean fhèin a’ dèanamh tòrr obrach an-dràsta, agus air atharrachaidhean a dhèanamh ris a’ bheairt, ach tha esan am beachd an eilean fhàgail agus tha na breabadairean a-nis a’ feuchainn ri coimhead romhpa.

[Niall MacLeòid – Comann nam Breabadairean] Tha dòchas math againn gum bi sinn a’ dol a dh’fhaighinn cuideachadh is airgead airson duine a thrèanadh, agus gun seall e dhaibh mar a tha e a’ dèanamh nam pìosan a tha e fhèin a’ dèanamh dhan bheairt. Is ‘s dòcha gun cuir sinn sìos e gu duine a tha a’ togail na beirt. Is gun tig e dha na muilnean is gun tig e còmhla ri breabadairean, is gum bi tuigs’ aige air a’ ghnìomhachas bho far a bheil e a’ tòiseachadh gu far a bheil e a’ crìochnachadh.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Tha iad cuideachd air a bhith a’ feuchainn ri na beairtean a dhèanamh nas èifeachdaiche, agus tha iad a’ dol a thoirt sin gu ìre aig tòiseach na bliadhna.

[Niall MacLeòid – Comann nam Breabadairean] Tha còig de na beairtean gu bhith air an atharrachadh, mar an tè agamsa ann an seo. Agus tha mi an ìre mhath cinnteach, air a chì na daoine iad is mise a’ sùileachadh airgead, cho math ‘s tha iad a’ dol, gun toir iad dhuinn barrachd airgid agus barrachd cuideachaidh airson a thoirt do dhuine sam bith a lùigeadh a’ bheairt aige a dhèanamh.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Bliadhn’ Ùr ghealltainneach do bhreabadairean a’ chlò. Aonghas Dòmhnallach, BBC An Là, ann an Leòdhas.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!