FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Point windfarm Tuath-gaoithe an Rubha

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Tuath-gaoithe an Rubha

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan – Preseantair] Nise, tha a’ chompanaidh Point and Sandwick Power ag ràdh gum faodadh iad barrachd air na trì muilnean-gaoithe a tha iad a’ cruthachadh an-dràsta a thogail. Tha bunaitean nam muilnean-gaoithe air Beinn Ghrìdeag an iar air Steòrnabhagh deiseil, ach cha tig na muilnean fhèin chun an t-Earraich agus tha a’ chompanaidh a-nis a’ beachdachadh air ciamar a thèid an teachd-a-teachd bho na muilnean-gaoithe a chosg. Tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Chan eil ach mu thrì mìosan bho thòisich an companaidh a’ dèanamh rathad gun làraich far am bi na muilnean-gaoithe nan seasamh. Tha dùil ri na muilnean-gaoithe anns a’ Ghearrain agus tha an suidheachadh a bha a’ coimhead gu math garbh, mì-ghealltanach bho chionn trì mìosan, gu math eadar-dhealaichte a-nise.

[Dòmhnall Iain MacSuain] Bha engineers mìorbhaileach math againn ag obair dhuinn, cha deach bacadh sam bith a chur orra, cha robh mòran droch shìde ann agus rinn iad an obair gu math sgiobalta agus gu math grinn, mar a tha thu a’ faicinn. Tha e fìor, air a thòisich iad, gu robh iad a’ dol tro bhoglach a bha dìreach uabhasach, ach rinn iad a’ chùis air agus tha iad air fàgail an àite agus na làraich gu math grinn agus sgiobalt’.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Ged a bha speilleag ri fheitheamh mus d’ fhuair iad a h-uile càil a thoirt gun h-ìre-sa, tha an sgioba a-nise a’ beachdachadh air am bu chòir dhaibh muilnean-gaoithe eile a thogail, a chionn ‘s gu bheil iad a’ faicinn gu bheil buannachdan mòra a’ dol a thighinn asta.

[Dòmhnall Iain MacSuain] Uill, mar tha feadhainn air a bhith ag ràdh rium, ma tha sibh a’ dol a thogail trì, nach eil a cheart cho math dhuibh togail sia, agus chan eil mi a’ smaoineachadh gu bheil càil sam bith a’ dol a chur bacadh oirnn. Coimhead ri togail tuathan-gaoith eile, agus tha mi an dòchas gur e sin na thachras, airson tha buannachd mhòr dhan a' choimhearsnachd mar a tha sinn a’ faicinn, agus chan eil mi a’ smaoineachadh gum bi muinntir an Rubha is Sanndabhaig riaraichte le dìreach a trì, tha mi a’ smaoineachadh gum bi iad ag iarraidh co-dhiù a sia, no ‘s dòcha naoi no barrachd.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Agus ‘s e an amas a th’ aig a’ chompanaidh, mar a th’ aig na companaidhean coimhearsnachd eile, ath-bheothachadh a thoirt air an eaconamaidh agus na cothroman cosnaidh a chruthaicheas sin do dhaoine òga gu h-àraidh.

[Dòmhnall Iain MacSuain] Tha coimhearsnachdan an seo gu math truagh, tha an òigridh a’ falbh agus tha an fheadhainn a th’ air fhàgail a’ fàs sean, feumach air goireasan, agus duine sam bith a tha a’ fuireach anns an àit’ aig a bheil eòlas air an àit’, nach eil fhios aige gu feum an t-àite a tha seo mòran brosnachaidh air an eaconamaidh. Airson tha an eaconamaidh againn gu math truagh, tha sinn an urra ris a’ chomhairle is an urra ris a’ bhòrd slàint’, agus chan ann mar sin bu chòir dha a bhith. Agus bhiodh e mìorbhaileach math a’ faicinn an coimhearsnachd fhein a’ cruthachadh obraichean dhan òigridh againn, le airgead a bha iad air a chosnadh iad fhèin.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Chan fhaicear a’ chòrr an seo gu Earrach, ach bidh iad an dòchas gun toir seo cinneach a’ dh’Earraich air cothroman cosnaidh agus eaconamaidh na sgìre. Aonghas Dòmhnallach, BBC An Là, air Beinn Ghrìdeag.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!