FaclairDictionary EnglishGàidhlig

135 years since the Elcano hit the Swordale rocks 135 bliadhna bhon a chaidh an Elcano air creagan Shuardail

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

135 bliadhna bhon a chaidh an Elcano air creagan Shuardail

[Iain MacIllEathain – Preseantair] Nise, ceud ‘s a còig deug air fhichead bliadhna air ais bhon an-diugh fhèin chaidh an t-soitheach cargu Elcano air na creagan faisg air Suardail anns an Rubha. Bhuail i air sgeir agus chaidh a cur air tìr an uair sin air cladach Bhòstaidh. Ged a bha e mì-fhortanach dhan bhàta an rud a dh’èirich, mar a tha Aonghas Dòmhnallach a-nis ag aithris, fhuair muinntir an àite prèasant a tha fhathast gu feum dhaibh.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] As dèidh làithean a’ ruith tro na stoirmean bha dùil aig sgiobair a’ bhàta cargu Elcano gu robh e a’ dèanamh air sàbhailteachd Caladh Steòrnabhaigh. Ach bha aon chunnart fhathast roimhe, sgeir ris an canar ‘Cearc Shuairdail.’

[Dòmhnall Iain MacSuain] Cha do mhothaich e dhan Chirc, coltach ri iomadach bàta eile. Bhuail an Elcano a’ chearc agus gu fortanach fhuair a h-uile duine air tìr, dìreach air a’ bhonn shìos bhon an taigh aig Bòsta agus seòrsa bàta bh’ann ‘s e bàta fiodha agus bha iad ag ràdh gur e bàta daraich agus bha sin uabhasach feumail dha na bailtean, dha Suardail, gu h-àraidh dha na bailtean timcheall Shuairdail.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Ceithir bliadhna as dèidh sin, air falach bho làn àrd chuir a’ chearc às dhan HMS Lively ‘s i giùlain am Morair Napier a bha togail fianais mu staid nan croitearan. Ach a thaobh an Elcano, fhuair an criutha uile às lem beatha.

[Dòmhnall Iain MacSuain] Tha sprod air a’ Chirc, chaidh a chur oirre timcheall air deich bliadhna as dèidh sin. Cha robh sin air a’ chirc an uair sin agus fiù’s là mòr fhèin, là mì-chàilear, làn àrd, cha mhòr gum faic thu a’ chreag. Bha na daoine sàbhailte co-dhiù, fhuair iad air tìr ‘s cha deach dhuine a chall.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Agus dh’fhàg an Elcano dìleab a tha ri fhaicinn fhathast.

[Dòmhnall Iain MacSuain] Rinn am fiodh feum gu dearbha dhan bhaile seo. ‘S e rud a bha mise cluinntinn gur e Greenheart oak. Tha sin cho làidir ri fiodh a tha air a bhith air a lorg agus chì thu timcheall a’ bhaile puist fhathast, tha iad a’ cleachdadh pàirt dhen a’ fencing.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Tha solas air taobh a-muigh na Circ an-diugh, a’ treòrachadh mharaichean gu bliadhn’ ùr nas tèarainte na bha chùis sna linntinn a chaidh seachad. Aonghas Dòmhnallach, BBC An Là ann an Suardail.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!