FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New Gaelic dialects Dual-chainntean Ghàidhlig ùra

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Dual-chainntean Ghàidhlig ùra

Iain MacIllEathain – Preseantair] Nise an e bainne no beinne no boinne a th’ann? ‘S iomadh facal a shoilleireachas raon farsaing ar dual-chainntean. Tha beachd ann a-nis gum faodadh dual-chainntean ùra bhith nochdadh, dòighean ùra air a’ Ghàidhlig a chleachdadh. Mar eisimpleir, tha cuid ag ràdh gu bheil blas ainmeil Ghlaschu a’ toirt buaidh air Gàidhlig na h-òigridh sa bhaile. Seo Kerr Gibb.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Bho chionn ghoirid, nochd an earrann seo air-loidhne, a-mach air ‘weegie’ Gàidhlig, ag ràdh g’ eil òigridh agus luchd-ionnsachaidh Ghlaschu a’ bruidhinn nàdar de dhual-chainnt ùr, a thaobh blas agus gnàthasan-cainnte.

[Roibeard O Maolalaigh] Uill ma tha thu bruidhinn air blas-cainnte agus a leithid sin agus tha iomadach ‘definition’ ann ‘s dòcha air dè seòrsa rud a th’ann an dual-chainnt. Gu dearbha fhèin tha leithid ann, chan e a-mhàin ann an Glaschu, ann an Dùn Èideann, tha mi cinnteach ann an Obar Dheathain agus mar a tha fhios agad ‘s ann à Baile Ath Cliath a tha mi-fhìn agus tha leithid a rud ann agus Gaelige Baile Ath Cliath no Gaelige Baile Átha Cliath mar a chanas sinn fhìn agus cluinnidh tu an aon rud a-rithist ann am Beul Feirste cuideachd, Gaelige Beul Feirste, tha e gu math math soilleir gu bheil e eadar-dhealaichte can bhon Ghàidhlig thraidiseanta a chluinneas tu ann an tìr Chonnaill Dùn nan Gall.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Thuirt an t-Ollamh O Maolalaigh ge-tà gur ann gu mòr air sgàth luchd-ionnsachaidh a tha eadar-dhealachadh mar seo, fiù’s ged a thogadh an luchd-ionnsachaidh seo clann leis a’ chànan. Ach, an e dìreach droch Ghàidhlig a tha seo, mar a theireadh cuid?

[Alasdair MacCaluim] Uill tha mise smaoineachadh gur e an rud as cudromaiche gu bheil daoine a’ bruidhinn na Gàidhlig agus ma tha daoine ga tuigsinn, a h-uile duine ga tuigsinn tha sin ceart gu leòr. B’ fheàrr leam gum biodh na fuaimean uile ceart ach ‘s urrainn dhut Gàidhlig a bhruidhinn às aonais nam fuaimean ceart uile agus blas Ghlaschu a bhith ort fhathast ach ‘s e an duilgheadas a th’ann ‘s e nach eil sin a’ tachairt leis a h-uile duine mar eisimpleir chan eil na fuaimean uile agamsa ceart – na ‘l’s ‘n’s agus ‘r’s agus rudan mar sin oir dh’ionnsaich mi Gàidhlig san ìre mhòir a-mach à leabhraichean gun a bhith bruidhinn ri daoine agus tha an cunnart ann gun lean sin agus b’ fhèarr leam gu robh na fuaimean uile ceart. Ach bidh cànan ag atharrachadh agus tha mi smaoineachadh gur e rud math agus rud fallain a tha sin ‘s na dìochuimhnich gu bheil Beurla againn cuideachd agus cha bhi sinn a’ dèanamh dìmeas air daoine a chionn ‘s nach eil na fuaimean Beurla aca mar cuideigin aig a bheil Beurla bho thùs agus bidh sin ag atharrachadh le Gàidhlig cuideachd.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Agus math no dona, a bheil atharrachadh mar seo na rud nàdarra?

[Roibeard O Maolalaigh] Air an aon làimh, ‘s e rud math a th’ann, ‘s e rud nàdarra a th’ann, fhios agad agus ma choimheadas sinn air an diofar can a tha eadar Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig na h-Alba – chan eil teagamh ann mu dheidhinn ach gur ann air sailleabh luchd-ionnsachaidh a thàinig na h-eadar-dhealachaidhean tha sin a-staigh. Tha cuid de fheartan ann an Gàidhlig na h-Alba a thog sinn bho na Cruithnich tha mi cinnteach, na Lochlannaich agus luchd na Beurla cuideachd ‘s tha siud a’ fàgail a rian agus an lorg mun an cànan chan eil teagamh mu dheidhinn. So ann an dòigh tha e nàdarra. Air an taobh eile dhen gnothach ge-tà, mura h-eil daoine tighinn beò ann an àrainneachd làidir Ghàidhlig tha sin a’ ciallachadh nach eil iad a’ faighinn, nach eil iad a’ togail ‘s dòcha beartas a’ chànain mar bu chòir, mar a bhiodh bho shean, air Gàidhealtachd.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Gàidhlig bhriste seach Gàidhlig sa chiste. Tha caochladh bheachd fhathast air atharrachaidhean blas na Gàidhlig. Kerr Gibb, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!