FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Commemorating the Caledonian Cup Comharrachadh a' Chupa Chailleannaich

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Comharrachadh a' Chupa Chailleannaich

[Iain MacIllEathain – Preseantair] Nise dìreach ron spòrs, spòrs. Chumadh cuirm shònraichte a-raoir le Comhairle Nan Eilean Siar, a’ comharrachadh mar a bhuannaich sgioba Leòdhais agus na Hearadh Cupa Cailleannach a’ Chinn a Tuath am-bliadhna, no an-uiridh ‘s e th’ann. Aig a’ chuirm a-raoir, aig oifisean na Comhairle, fhuair a h-uile duine a bh’anns an sgioba agus na stiùirichean litir bhon Bhànrigh. Tha an aithris-sa an-dràsta aig Ruairidh Rothach.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] An tadhal a ghlèidh Cupa Chailleannach a’ Chinn a Tuath airson Leòdhas agus na Hearadh bho chionn trì mìosan air ais. Chan e a-mhàin gun do rinn sgioba Leòdhais agus na Hearadh a’ chùis air sgiobaidhean na cuaiche ‘s iad a’ trèanadh còmhla tòrr nas trice, chluich iad a h-uile gèam air falbh bhon taigh. Cha b’e seo ach an dàrna oidhirp aig Leòdhas agus na Hearadh san fharpais, tha iad air adhartas iongantach a dhèanamh ann an ùine ghoirid.

[Coinneach MacÌomhair] Uill tha e fhathast chun an an-diugh, tha e duilich, tha an cupa air a bhith agamsa aig an taigh bhon a fhuair sinn e agus as dèidh sin tha mi ga choimhead agus tha mi ag ràdh rium fhìn, na rinn sinn seo? ‘S tha e mìorbhaileach na rudan a chaidh a dhèanamh. Nuair a thòisich sinn air a’ chùis tha seo thuirt sinn an e seo an ath cheum dha ball-coise anns na h-eileanan agus tha mi, chun an an-diugh a’ cantainn ‘s e seo an ath cheum. Tha sinn an dèidh ceum uabhasach mòr a ghabhail. Tha sinn an dèidh, mar a thuirt mi a cheana, tha sinn an dèidh dèanamh a’ chùis air na sgiobaidhean as motha Highland Amateur air tìr-mòr faodaidh tu ràdha. Tha sinn an dèidh dèanamh a’ chùis air Arcaibh ‘s air Sealtainn ‘s air Goillspidh agus sin na trì cho mòr ‘s a bh’ann, a tha sinn an dèidh buannachadh trì dhiubh.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] Chan ann tric a tha sgioba ball-coise a’ faighinn urram cuirm oifigeil aig Comhairle nan Eilean Siar, ach bha beachd ann gu robh saothair agus soirbheachas na sgioba làn airidh air.

[Tormod Dòmhnallach] Tha an rud a choilean iad mar sgioba mìorbhaileach math ach a bharrachd air sin tha an spionnadh agus am brosnachadh a tha iad a’ toirt dha òigridh nuair a chì iad gu bheil e comasach dha cluicheadairean anns na h-Eileanan a bhith gabhail pàirt ann an spòrs aig àrd ìre mar a rinn an sgioba seo. Agus tha mi smaoineachadh gu bheil sin a cheart cho cudromach dhuinne anns na h-eileanan, iad a bhith buannachadh cupan, bhith buannachadh lìog. ‘S e an dìleab a tha e dol a dh’ fhàgail às a dhèidh agus a bhith toirt misneachd dha òigridh eile a bhith dol an sàs anns an spòrs agus ball-coise gu sònraichte a thaobh a’ chupain a bhuannaich an sgioba a bha seo.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] Chan e a’ Chomhairle a-mhàin a chuir urram air an sgioba. Fhuair an sgioba ‘s an luchd-stiùiridh gu lèir litir bhon Bhànrigh a’ cur meal an naidheachd orra. Ged a tha Coinneach MacÌomhair air a bhith an sàs ann am ball-coise ann an Leòdhas ‘s na Hearadh fad iomadach bliadhna, bha dùil aige gu robh greis mhath aige ri dhol fhathast mus fhaigheadh e litir bhon Bhànrigh.

[Coinneach MacÌomhair] Cha robh dùil agam ris fhathast ged a tha mi liath anns a’ cheann bha dùil agam gum biodh greiseag agam ri dhol fhathast. Bha e mìorbhaileach faighinn call bho Maighstir Matheson a’ cantainn gu robh e dol a chur litir thugainn bhon Lieutenancy. Bha e mìorbhaileach dha-rìribh agus nuair a chunna mi an litir, ‘s chunna mi ainm a h-uile duine air an litir bha e mìorbhaileach bhith faighinn na h- urraim sin.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] Tha aire na sgioba a-nis air Cupa Sheoc MhicAoidh agus a’ ghèam an aghaidh Inbhir Dheòrsa aig deireadh na mìos. Ruairidh Rothach, BBC An Là, Steòrnabhagh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!