FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new translation of the New Testament Eadar-theangachadh ùr den Tiomnadh Nuadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Eadar-theangachadh ùr den Tiomnadh Nuadh

[Iain MacAonghais - Preseantair] Nise tha an obair air dreach ùr Gàidhlig dhen Tiomnadh Nuadh cha mhòr deiseil. Tha sgioba de cheathrar luchd-eòlaich air a bhith ag obair fad còrr is sia bliadhna, ‘s iad ag eadar-theangachadh leabhraichean a’ Bhìobaill bhon chànan anns an deach an sgrìobhadh. Tha iad an dòchas gum brosnaich seo barrachd dhaoine gus am Bìoball a leughadh. Choinnich Eilidh NicLeòid ri cuid a tha an sàs anns a’ phròiseact.

[Eilidh NicLeòid - Neach-aithris] Rinneadh a’ chiad Bhìoball Gàidhlig bho chionn còrr is cheud bliadhna ann an dual-chainnt Pheairt agus Earra-Ghàidheil, dòigh labhairt nach eil aig mòran luchd-bruidhinn a’ chànan an an-diugh.

[An t-Urr Iain Urchardan] Chuir e dìreach tuathal mise ‘s e uabhasach doirbh agus ma tha e doirbh do neach dham leithid-sa, a bha fileanta ann an Gàidhlig mus deach mi dhan sgoil, ciamar idir a leughas neach-ionnsachaidh ùr e? Sin an dùbhlan a bh’ againn agus bha e uabhasach soilleir dhuinne gu robh dìth mhòr agus feum mhòr air eadar-theangachadh airson an an-diugh.

[Eilidh NicLeòid - Neach-aithris] Tha sgioba eòlaichean bho dhiofar eaglaisean agus sgìrean Gàidhealach air a bhith ag obair air tionndadh ùr den Tiomnadh Nuadh ann an cainnt na h-aonamh linn fichead. ‘S ann bhon chiad chànanan, Aramaic agus Grèigis anns an deach na leabhraichean a sgrìobhadh, tha luchd eadar-theangachaidh ag obair.

[Mgr Iain Aonghais Dòmhnallach] ‘S e seo fhìor thoiseach an t-soisgeil air Naomh Iain. Anns an toiseach bha am Facal agus bha am Facal maille ri Dia agus b’e a facal Dia.

[Eilidh NicLeòid - Neach-aithris] Tha seo a’ fàgail gu bheil iad a’ seachnadh nam mearachdan beaga cànain a tha nochdadh anns gach eadar-theangachadh.

[Mgr Iain Aonghais Dòmhnallach] Chaidh an uair sin eadar-theangachadh gu Laideann anns an Treas Linn le Naomh Jerome agus air an sgrìobhadh aigesan tha mearachdan ann agus chaidh eadar-theangachadh a-rithist gu Grèigis agus bha a h-uile duine car aonaichte gur e seo, g’ eil sgrìobhadh seo meadhanach ceart. Tha sinn toilichte seo a chleachdadh.

[Eilidh NicLeòid - Neach-aithris] Chan eil plana ann fhathast eadar-theangachadh ùr a dhèanamh dha na sgriobtaran air fad ach tha dòchas ann gum brosnaich an tionndadh ùr den Tiomnadh Nuadh ginealach ùr de luchd-leughaidh a’ Bhìobaill.

[An t-Urr Iain Urchardan] Le soisgeul Eòin a chuir sinn a-mach mar tha, tha sinn air litrichean fhaighinn à Sasainn, à Èirinn, à Alba, òg agus aosta agus glè thric tha rudan a’ tighinn troimhe thugainn a’ cantainn a leithid ‘seo a’ chiad trup riamh a leugh mi am Bìoball gun Dwelly rim thaobh.’ Tha e siùbhlach, sìmplidh, soilleir.

[Eilidh NicLeòid - Neach-aithris] Bidh toradh an cuid saothrach ri fhaotainn an toiseach air loidhne le clò-bhualadh cruaidh aig a’ cheann thall. Eilidh NicLeòid, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!