FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Not enough women in news broadcasting Cion nam ban an craoladh naidheachdan

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Cion nam ban an craoladh naidheachdan

[Iain MacAonghais – Preseantair] Nise, chan eil boireannaich gu leòr ag obair ann an craoladh naidheachdan, sin a rèir aithisg a thàinig bho Chomataidh Thaghte a' Chonaltraidh aig Taigh nam Morairean. Tha grunn mholaidhean aca ge-tà dha na buidhnean craolaidh a bheireadh, nam beachd-san, piseach air cùisean. Nam measg sin, barrachd bhoireannaich nas sine a tharraing chun na h-obrach. Tha an aithris seo aig Alasdair MacIllFhinnein.

[Alasdair MacIllFhinnein – Neach-aithris] Thathar ag ràdh anns an aithisg gun saoileadh tòrr gu bheil e uile ceart gu leòr agus gu bheil a’ cheart uimhir de bhoireannaich ann an craoladh naidheachdan ‘s a tha fireannaich. Ach a rèir na h-aithisg, chan ann mar sin a tha cùisean. A rèir rannsachaidh a chaidh a dhèanamh bho chionn ghoirid, tha triùir luchd-naidheachd fireann ann airson gach neach-naidheachd boireann air cuid de na prògraman naidheachd as motha. Agus tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil a’ chùis a cheart cho dona a thaobh eòlaichean a tha nochdadh air prògraman naidheachd. Ann an rannsachadh a chaidh a dhèanamh ann an 2010, cha robh ach sia thar fhichead a-mach às a’ cheud eòlaiche boireann air prògraman naidheachd. Tha mì-chinnt ann ge-tà mu dheidhinn na th’anns an aithisg.

[Ailean Caimbeul] Chan eil de dh’eòlas agam air tha a’ tachairt air cùl cùisean ach dh’fheumainn a ràdh a’ sealltainn air seirbheis craolaidh Gàidhlig gun saoil mi gu bheil an suidheachadh cothromach. Gu bheil a’ cheart uimhir ghuthan boireann a’ tighinn thugam ‘s a tha guthan fireann.

[Anna Souter] Uill chanainn gum biodh e glè mhath, tha mi smaointinn gu bheil còir aig co-ionannachd a bhith ann ach a-rithist tha mi ag ràdh a rèir do chomais, chan e idir do ghnè, fhios agad gu bheil, saoilidh mi, tha boireannaich a’ dèanamh deagh obair.

[Alasdair MacIllFhinnein – Neach-aithris] Tha tòrr molaidhean anns an aithisg seo airson craoladairean a tha sàs ann an naidheachdan. Nam measg tha iad airson ‘s gun dèan na craoladairean seo barrachd oidhirp airson boireannaich a tharraing chun an obair sa chiad àite. Tha iad cuideachd airson an aon àrdachadh pàighidh agus cothroman obrach fhaicinn eadar an chuid boireannaich agus fireannaich.

[Alasdair MacIllFhinnein – Neach-aithris] Bha grunn mholaidhean aca a thaobh màthraichean cuideachd. Nam measg iad sin, gu robh còir aig craoladairean barrachd trèanadh a thoirt do mhàthraichean a tha tilleadh a dh’ obair às dèidh fòrladh màthaireil, uairean obrach nas freagarraiche a thoirt do bhoireannaich a tha coimhead às dèidh daoine eile a leithid clann agus taic a thoirt do bhoireannaich aig a bheil clann fon cùram, mar eisimpleir goireasan an leithid creche a chur air dòigh aig an àite-obrach.

[Alasdair MacIllFhinnein – Neach-aithris] Tha loidhne gu math cumhachdach anns an aithisg a tha ag ràdh nach ann ri craoladairean a-mhàin a tha iad a’ bruidhinn ach ri Ofcom agus an Riaghaltas cuideachd agus seo mar a tha e a' dol: ‘Tha na làithean far nach fhaicear agus nach cluinnear boireannaich air an naidheachdan agus prògraman aithriseach seachad. Anns na làithean seo ge-tà, far am bu chòir boireannaich agus fireannaich a bhith co-ionann, ‘s e briseadh dùil a bh’ ann faicinn cho fada air falbh ‘s a tha craoladairean, Ofcom agus an Riaghaltas bho co-ionannachd eadar an ghnè.’ Le sin, chan eil càil a choltas ann gum bi a’ chùis seo seachad airson greis fhathast. Alasdair MacIllFhinnein, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!