FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Srathpuffer Race at 10 years Rèis Srathpuffer aig 10 bliadhna

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Rèis Srathpuffer aig 10 bliadhna

[Iain MacAonghais – Preseantair] Nise, ma tha sibh a’ coimhead a-mach air an uinneig thairis air an deireadh sheachdain-sa tighinn agus sibh gu math taingeil gu bheil sibh a-staigh anns a’ bhlàths, smaoinichibh air na seòid a tha seo. 800 neach a bhios a’ gabhail pàirt ann an rèis baidhsagal beinne anns an Srath Pheofhair, rèis a tha dol fad ceithir uairean fichead uile gu lèir. Seo an deicheamh bliadhna dhen rèis agus mar a fhuair Dòmhnall MacLaomain a-mach ‘s ann as motha tha cùisean a fàs.

[Dòmhnall MacLaomain – Neach-aithris] Chan eil an rèis seo dhan h-uile duine. A rèir eòlaichean tha e am measg nan deich rèisean baidhsagal beinne as duilighe san t-saoghal. Thèid agad ri dhèanamh nad aonar, ann an càraid no mar cheathrar. Cha robh am fear a bhuannaich an-uiridh far a bhaidhsagail aige ach deich mionaidean.

[Dòmhnall MacLaomain – Neach-aithris] Tha e duilich gu leòr fuireach na do dhùisg airson ceithir uairean fichead, gun luaidh air dol timcheall coille-sa air baidhsagal. Seachd uairean deug dhen sin, san dorchadas. Ach a dh’aindeoin sin, tha còrr air ochd cheud neach a’ gabhail pàirt san rèis-sa, fiù’s ann an aimsir mar seo.

[Steve MacDhòmhnaill] I had the suggestion that we ran a 24 hour race in the Highlands in the middle of summer because it doesn’t get dark, so people wouldn’t have to worry about lights and he said no, people don’t want to do easy things like that. They want a good challenge, they want to do it in the middle of Winter.

[Dòmhnall MacLaomain – Neach-aithris] Tòisichidh an rèis aig deich uairean madainn a-màireach, leis an t-uabhas sneachda air an talamh, rud a tha mar-thà air a bhith ag adhbhrachadh duilgheadasan dha cuid a tha air a bhith a’ trèanadh air a’ chùrsa. Ach tha toirt air daoine gabhail pàirt?

[Aonghas Dòmhnallach] Deagh cheist. Em, chan eil mi buileach cinnteach fhathast a dh’ innse na fìrinn. Thòisich mi air beagan baidhsagalachd beinne a dhèanamh am- bliadhna agus chuala mi mu dheidhinn na co-fharpais seo an-uiridh ‘s e chaidh sinn suas an-uiridh agus bha deagh thìde ann agus math ann ‘s bha mi smaoineachadh ‘s dòcha gur e deagh smuain a bhiodh ann fheuchainn. Ach tha mi smaoineachadh gum bi sìde rudeigin diofraichte againn a-màireach.

[Dòmhnall MacLaomain – Neach-aithris] Tha Aonghas ann an sgioba de cheathrar a tha ag adhbhrachadh a’ cheart uimhir de dhùbhlain ‘s a tha e nam biodh tu feuchainn air nad aonar.

[Aonghas Dòmhnallach] Tha mi smaoineachadh, eadar na shots againn gum bi e rudeigin fuar agus dorcha agus mì-chailear ach sin dìreach pàirt dhen rèis tha mi smaoineachadh ‘s cuideachd aig tha fios ciamar a bhios an sìde. Tha mi smaoineachadh gu bheil sneachd gu bhith ann an ath oidhche agus anns a’ mhadainn, rudeigin mar sin.

[Dòmhnall MacLaomain – Neach-aithris] Le uimhir den rèis san dorchadas, tha ullachadh ceart agus uidheamachd freagarrach deatamach.

[Steve MacDhòmhnaill] I think ultimately, being careful about what you wear and what you eat is the key to surviving the puffer.

[Dòmhnall MacLaomain – Neach-aithris] A rèir choltais bidh na co-fharpaisich a’ gearain gach bliadhna ma tha an t-sìde ro fhàbharach . Ach le barrachd sneachda air fàire agus a’ ghlainne an dùil tuiteam fo ìre reothaidh dh’fhaodadh gum bi iad a’ gabhail aithreachas gun do rinn iad gearan a-riamh. Dòmhnall MacLaomain, BBC An Là, Srath Pheofhair.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!