FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Skye women win the Johnstone Cup Shinty competition Boireannaich an Eilein Sgitheanaich a' buannachadh farpais iomain MhicIain

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Boireannaich an Eilein Sgitheanaich a' buannachadh farpais iomain MhicIain

[Calum Dòmhnallach – Preseantair] Iomain a-nis agus bhuannaich boireannaich an Eilean Sgiathanaich farpais iomain MhicIain anns a Ghearastan air an deireadh sheachdain. Bha na h-eileanaich ro làidir do Loch Abar sa chuairt mu dheireadh. Aig an aon am bha sgioba a' Ghearastain a' rannsachadh faic a bheil uidh gu leor sgioba bhoireannach a' chruthachadh. Tha an aithris seo aig Doneil MacLeòid.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Cha robh a h-uile càil càirdeil aig co-fharpais MhicIain anns a Ghearastan air an deireadh sheachdain nuair a chruinnich grunn sgiobaidhean camanachd nam ban a dh’aindeoin droch shìde air na rathaidean.

[Caitlin NicIlleathain] ‘S e farpais bhoireannach is sinn anns an geama iomain. Tha e a tighinn mun cuairt a h-uile bliadhna anns an Nevis Centre anns an Gearastan. Tha tòrr sgiobaidhean a’ tionndaidh suas thairis air Alba.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Agus dh’ fhaodadh aon ùr a bhith ann leis an Gearastan a’ brosnachadh ùidh air an là.

[Caitlin NicIlleathain] Cha chuala mi seo ach an roimhe ach tha mi smaoineachadh gur e naidheachd math a th’ann, ‘s dòcha sgioba a bhios a’ farpais an aghaidh Glen Garry agus Lochabair anns na bliadhnaichean ri tighinn.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Rinn an t-Eilean Sgitheanach a’ chùis air Gleann Garadh san iar chuairt dheireannach airson gluasad troimhe agus Loch Abair a’ dèanamh an gnothach air Bàideanach agus Srath Spè. Aig a’ cheann thall ge-ta bha na Sgitheanaich fada ro làidir, a’ buannachadh 5-1.

[Lauren Doherty] ‘S e geamaichean math a th’unnta an seo agus tha e an còmhnaidh math tighinn an seo agus tha e gu math luath. Tha na geamaichean a-muigh beagan nas slaodaiche ach an seo tha e gu math luath sa tha feum agad faighinn an tadhal uabhasach luath.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] ‘S e seo an dàrna turas an sreath a chèile a tha an t-Eilean Sgitheanach air buannachadh Cupa MhicIain, ged a shaoileadh tu bhon an sgiobair nach robh iad cleachdte ri cupanan.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!