FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Church of Scotland Conference to expand Gaelic Co-labhairt le Eaglais na h-Alba airson Gàidhlig a bhrosnachadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Co-labhairt le Eaglais na h-Alba airson Gàidhlig a bhrosnachadh

[Iain MacAonghais – Preseantair] Nise thèid co-labhairt a chumail ann an Glaschu air an ath-mhìos le eaglais na h-Alba airson Gàidhlig a bhrosnachadh anns an eaglais. 'S e Modaratair Ainmichte na h-Eaglaise, An t-Ollamh Urramach Aonghas Moireasdan, a th'air cùlaibh a' ghnothaich, le òraidean air cuspairean a leithid litreachas, craoladh, searmonachadh agus goireasan air-loidhne sa Ghàidhlig. Le tuilleadh seo am fear-naidheachd againn Coinneach Mac a' Ghobhainn.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] ‘S e eaglais mhòr agus farsaing a th’ann an Eaglais na h-Alba. Ach an ath mhìos ‘s ann air an coitheanalan is luchd-labhairt Gàidhlig a bhithear a’ coimhead, le cò-labhairt sònraichte mun chànan.

[An t-Oll Urr Aonghas Moireasdan] Tha Eaglais na h-Alba air a bhith taiceil do chleachdadh na Gàidhlig ann an adhradh agus co-theacsan eile thar nam bliadhnaichean. Ach tha sinn mothachail gu bheil an ùine ann a-nis airson co-labhairt den t-seòrsa seo a chumail gus sùil a thoirt air na thathas a’ dèanamh airson na Gàidhlig ann am beatha na h-eaglaise an-dràsta agus beachdaichidh a’ cho-labhairt air an tuilleadh taic a bhiodh iomchaidh airson cleachdadh traidiseanta na Gàidhlig gu sònraichte ann an adhradh agus cuideachd sùil a thoirt air dòighean anns am b’ urrainn taic leasachaidh a thoirt do dh’ iomairtean ùra.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Am measg nan iomairtean ùra sin tha An Sgeul Mhòr, stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig agus tha iad am measg na bhruidhneas aig a’ cho-labhairt còmhla ri daoine eile leithid Dòmhnall Meek agus Mairead Mhàiri Mhoireach.

[An t-Urr Iain Urchardan] Tha mi smaoineachadh gu bheil a’ cho-labhairt seo gu bhith uabhasach cudromach air sgàth agus gu bheil mòran dhaoine air a bhith dèanamh rudan airson spioradalachd Ghàidhlig adhartachadh leotha fhèin ann an siud ‘s ann an seo, thall ‘s a-bhos agus glè thric tha sinn air ‘s dòcha rud a dhèanamh a tha cuideigin eile air a dhèanamh mar-thà ach le co-labhairt a bhith toirt daoine ri chèile dh’ionnsaich sinn tha dol agus faodaidh sinn a bhith cleachdadh na sgilean againn ann an dòigh far nach eil sinn a’ dùblachadh agus tha mi smaoineachadh gum bi sin gu math feumail agus cuideachd tha e gu bhith math airson misneachd, dìreach a bhith cluinntinn gu bheil rudan a’ tachairt, gu bheil iad ùr, gu bheil iad blasta fhios agad tha cnàmhach annta.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Le connspaid a’ leantainn na h-eaglais o chionn bhliadhnaichean tha na tha a’ cur an tachartais air dòigh cuideachd an dòchas gun toir e sealladh ùr dhan phoball air obair na h-eaglaise.

[An t-Oll Urr Aonghas Moireasdan] Seadh tha e fìor a ràdh gu bheil ceistean connspaideach agus cùisean cràidhteach air a bhith gu math tric anns na naidheachdan mu dheidhinn na h-eaglaise. Aig amannan tha seo air aire tharraing air falbh bho grunn mòr de sgeulachdan math mu obair 's fianais na h-eaglaise nach nochd idir ann an cinn naidheachdan.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] S ann air an aonamh fichead dhen ath mhìos a thèid a’ cho-labhairt a chumail le cuireadh ro dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann. ‘S ge bith thig às cuiridh gu leòr fàilte air cothrom cnuasachaidh. Coinneach Mac a’ Ghobhainn, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!