FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Language, culture and music in South Uist Ionad cànain, cultair is ciùil do dh'Uibhist a Deas

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Ionad cànain, cultair is ciùil do dh'Uibhist a Deas

[Innes Rothach – Preseantair] Tha e coimhead coltach gun tèid ionad cànain, cultair agus ciùil a thogail ann an Uibhist a Deas. Mun àm-sa an-uiridh, cha robh ach sia mìosan aig a' bhuidhinn Ceòlas airson am pròiseact a thoirt air adhart no cur às dha. Tha Ceòlas a-nis ag obair ann an com-pàirteachas le buidhnean eile airson a thoirt gu buil ann an 2017. Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] ‘S ann sa bhliadhna 2011 a dh’inns Ceòlas an toiseach gu robh a’ bhuidheann an dùil ionad ùr a thogail ann an Uibhist a Deas. Ach, mun àm seo an-uiridh, nochd teagamhan leis a’ phròiseact agus chuir iad romhpa fhèin, mura biodh iad air adhartas gu leòr a dhèanamh ann an sia mìosan, gum biodh iad a’ cur cùl ris an togalach ùr airson greis co-dhiù. A-nis tha an suidheachadh a’ coimhead gu math nas fheàrr.

[Mairi NicAonghais] Tha a-nis neach-obrach againn ag obair gu sònraichte air a’ phròiseact a thoirt air adhart agus tha cuideachd gu leòr dhe na buidhnean a tha an lùib Gàidhlig 's cultair is ionnsachadh air tighinn air bòrd agus air taic a thoirt dhuinn agus tha an gnothach a’ coimhead gu math coltach a-nis gu bheil sinn a’ dol a chur air adhart ionad no àite air choireigin ann an ceann a Deas Uibhist eadarainn fhèin agus Colaiste a’ Chaisteil.

[Iain Mac a’ Mhaoilein] Bha rudeigin ann a thaobh Uibhist 's ceòl a tha làidir, làidir agus tha feum againn tha mi smaointinn air rudeigin a dhèanamh airson sin a bhrosnachadh ‘s a leudachadh agus ‘s ann a thaobh sin a tha sinn ag obair ‘s tha sinn air a bhith ag obair còmhla ri Ceòlas agus dòchas againn agus beachd againn rudeigin mòr a dhèanamh ann an Uibhist.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chan eil na clasaichean agus cùrsaichean aig Ceòlas a’ ruith ach beagan sheachdainean dhen bhliadhna ach tha feum aig oileanaich nan cùrsaichean ciùil aig colaiste Chaisteil air àite suas ri 36 seachdainean sa bhliadhna.

[Mairi NicAonghais] Am fear a bha gu math nàdarra, bha sinn fhìn a’ smaointinn cuideachd ‘s e Colaiste a’ Chaisteil gu seachd àraid far a bheil iad a’ dèanamh a’ chùrsa ciùil ‘s mar a tha sin air a bhith cho soirbheachail ann an Uibhist.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Agus le àite sònraichte airson nan cùrsaichean bhiodh e comasach an àireamh oileanach a th’ orra a leudachadh gu suas ri ceithir fichead duine.

[Iain Mac a’ Mhaoilein] Ma tha duine sam bith ag iarraidh fiosrachadh fhaighinn mu dheidhinn no ag iarraidh iad fhèin a bhrosnachadh ‘s e Uibhist an t-àite airson sin a dhèanamh, ‘s e an t-àite ceart. Tha mi smaointinn gu bheil, agus ‘s ann a thaobh sin a tha math a bhith ag obair còmhla ri Ceòlas.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha goireasan 's seirbheisean faisg air làimh riatanach do dhaoine a bhios a’ frithealach a leithid a dh’ ionad. Agus mar sin tha e coltach gur ann an Dalabrog no Loch Baghasdail a bhios an togalach. Bidh coinneamh phoblach ann an Dalabrog oidhche Haoine airson beachdan agus taic an t-shluaigh fhaighinn air an làraich as freagarraiche. Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, Uibhist a Deas.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!