FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A pub in Ireland on wheels Taigh-sheinnse an Èirinn air cuibhlichean

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Taigh-sheinnse an Èirinn air cuibhlichean

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan – Preseantair] A dh’ Èirinn leinn a-nis far a bheil buidheann de shaoir ann an Co. na Gaillimhe air taigh-sheinnse ùr a thogail, air a bheil cuibhlichean. Chaidh co-dhùnadh seann charabhan a thionndaidh na phub leis gun robh e fàilligeadh air an fhear leis an robh e a reic. Tha a’ bhuidheann a-nis air iarrtasan fhaighinn airson a leithid bho Shasainn, Ameireaga agus Astràilia. Tha Teàrlach Quinnell a’ toirt dhuinn na h-aithris seo bho TG4.

[Teàrlach Quinnell - Neach-aithris] Dh'fhaodhte gu bheil sibh a' smaoineachadh gur e taigh-còmhnaidh traidiseanta a tha seo. Bhiodh sibh ceàrr. 'S e carabhan a th' ann - 's dòcha gun robh sin follaiseach? Na bhroinn, tha taigh-seinnse. Taigh-seinnse air chuibhlichean.

[Teàrlach Quinnell - Neach-aithris] 'S e John Walsh, leis a bheil Clinical Cabinets, stèidhichte ann an Droichead a' Chláirín, Co. na Gaillimhe, a bh' air cùlaibh a' phròiseict. Cha deach aige air seann charabhan a bh’aige a reic. Mar sin, còmhla ri cuid de a cho-obraichean, cho-dhùin e taigh-seinnse traidiseanta a dhèanamh dheth.

[Cian] Bha sinn ag obair san t-seachdain air seo fad sia mìosan. Cha robh ann ach bogsa falamh an toiseach. Thug sinn a h-uile rud a-mach às a' charabhan. Chuir sinn stuth blàthachaidh air an taobh a-muigh, 's an uair sin peanta geal, mar a bh' air na seann thaighean. Thòisich sinn leis an ùrlar a-staigh, agus lorg sinn na dathan a bhiodh ann an taigh-seinnse traidiseanta."

[Teàrlach Quinnell - Neach-aithris] Tha mòran dhaoine air ùidh a nochdadh san taigh-sheinnse seo. Chaidh a chleachdadh mar-thà aig na h-uimhir de phàrtaidhean air feadh na h-Èireann. Tha ùidh aig daoine thall-thairis cuideachd, agus tha seo air a' chompanaidh fhàgail caran trang. Thèid fear dhiubh a chur a-null dha na Stàitean Aonaichte a dh'aithghearr, nuair a bhios e deiseil. Fhuair iad iarrtasan cuideachd à Sasainn, agus Astràilia. Tearlach Quinnell, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!