FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Drama in the darkness Dràma san dorchadas

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Dràma san dorchadas

[Innes Rothach – Preseantair] Uill eadar eagal agus iongnadh ‘s iomadh faireachdainn a thig a-steach oirnn nuair a tha an dealain a’ dol dheth ‘s na solais a’ dol dheth aig a’ cheart àm. 'S e na h-amannan dorcha sin a bhrosnaich an dealbh-cluiche ùr ‘As an dorchadas’ a bhios ri fhaicinn ann an Glaschu anns na làithean tha romhainn ann an suidheachadh gu math eadar-dhealaichte. Las am fear-naidheachd againn Kerr Gibb, coinneal agus chaidh e a-mach airson cùisean a shoilleireachadh dhuinn.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] ’S e seo a’ chiad uair a thèid dràma Gàidhlig a chur an gnìomh a tha stèidhichte air làrach shònraichte. Seann taigh mòr ann an Glaschu. Ach às a thàinig beachd airson dealbh-chluiche san dorchadas?

[Catriona Leacsaidh Caimbeul] Bha mi ann an Leòdhas, bha mi ann an sin air mo làithean saora agus bha an dealan a’ dol dheth, a-rithist ‘s a-rithist agus fhad ‘s a bha sinn anns an dorchadas an sin thàinig e steach orm mar a bha d’ fhaireachdainnean ag atharrachadh nuair a bha sin a’ tachairt an toiseach bhiodh tu faireachdainn gu math fed up gu robh an tele air a dhol dheth ‘s cha b’ urrainn dhut cupan teatha a dhèanamh leis a’ choire tuilleadh agus tòrr gearain mu dheidhinn, càite bheil na toirdsichean agus rudan mar sin. An ceann greis, bhiodh sinn a’ tòiseachadh fhios agad a’ còmhradh ‘s ag innse sgeulachdan dha chèile agus seinn agus rudan mar sin agus nuair a thigeadh na solais air ais air bha thu faireachdainn rud beag de thàmailt gu robh sin air falbh, gu robh an suidheachadh, seòrsa de dhraoidheachd anns an t-suidheachadh a bha sin. Co-dhiù so bha mi smaoineachadh gun dèanadh sin dealbh-chluich glè mhath, ag obair le solais, ag obair le dorchadas.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Tha Às an Dorchadas a’ tighinn aig àm far a bheil dràma Gàidhlig ann an Glaschu pailt. Bho chionn cola-deug chaidh co-labhairt a chumail anns an robh còrr is 50 a’ toirt seachad bheachdan.

[Rona NicDhòmhnaill] Uill ‘s e dràma prìomh amas a th’ againne airson leasachadh a dhèanamh air oir tha e togail a’ chànain agus cuideachd tha e toirt cothrom dhan luchd-proifeiseanta a tha ag obair ann an dràma sa bhaile obair fhaighinn agus obair ùr a dhèanamh cuideachd.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Tha Catriona Leacsaidh Chaimbeul fhèin ag ràdh gu bheil an làrach air buaidh a thoirt air an dràma is gun cuir e ris an tachartas gu mòr.

[Catriona Leacsaidh Caimbeul] Seach gur e taigh cho beò le eachdraidhean teaghlaich a tha seo agus tha na gnothaichean aca timcheall oirnn is tha faireachdainn cho blàth, bha tòrr mòr a’ tighinn a-mach às agus dh’ atharraich e gu mòr bhon chiad bheachd a bh’ agam na mo cheann chun an rud a tha daoine dol a dh’ fhaicinn air an deireadh sheachdain.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] ‘S ann feasgar Diardaoin, Dihaoine is Disathairne a thèid an dealbh-cluich air adhart, dealan ann no às. Kerr Gibb, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!