FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Glasgow Islay Choir celebrates 25 years with Kirsteen Grant Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu a’ comharrachadh 25 bliadhna le Kirsteen Ghrannd

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu a’ comharrachadh 25 bliadhna le Kirsteen Ghrannd

[Iain MacAonghais – Preseantair] Ann an 1990 chaidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann am Baile Ghobhainn ann an Glaschu, agus chaidh am baile ainmeachadh mar Phrìomh Bhaile Cultarail na Roinn Eòrpa. Cuideachd air a’ bhliadhna sin ge-tà, ghabh Kirsteen Ghrannd obair stiùiriche le Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu agus am-bliadhna tha a’ chòisir a’ comharrachadh còig bliadhna fichead le Kirsteen aig an stiùir. Seo Kerr Gibb.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu aig a’ Mhòd Nàiseanta an Inbhir Nis an-uiridh. Tha obair dhìleas ga dhèanamh fad mhìosan ro gach Mòd is cuirm eile, agus airson còig bliadhna air fhichead a-nis, tha Kirsteen Ghrannd air a bhith os cionn ullachaidh na còisir. An-dèidh ùine cho fada saoil a bheil i a’ faireachdainn uallach fhathast?

[Kirsteen Ghrannd] Oh a h-uile uair. Uallach gu leòr.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Dh’innse Kirsteen na tha sònraichte mun chòisir agus na tha i fhèin a faighinn às.

[Kirsteen Ghrannd] Tha sinn uile mar, teaghlach mòr ‘s dòcha. Tha mi eòlach air a h-uile duine sa chòisir agus an teaghlach aca ‘s tha sinn uile, nuair a tha duine tinn no duine bochd tha sinn uile a’ cuideachadh agus ‘s toil leinn seinn cuideachd.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Fo stiùir Kirsteen tha a’ Chòisir air Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn a ghleidheadh trì tursan am measg iomadh duais eile. Sheinn iad aig Fèis Nàiseanta Eisteddfodd sa Chuimrigh, aig Mòd Vancouver agus nuair a bha seachd mile san luchd-èisteachd aig Caisteal Shruighlea còmhla ri Runrig. Tha buill na còisir a’ faicinn cho fortanach ‘s a tha iad stiùriche cho comasach a bhith aca.

[Catriona NicNèill] ‘S e stiùiriche sgoinneil a th’ innte, tha i math air smachd a chumail air a’ chòisir agus chan eil sin furasta, uaireannan. Ach tha i dèanamh deagh oidhirp co-dhiù agus tha mi smaointinn gu bheil sinne gu math fortanach mar chòisir gu bheil stiùiriche mar Kirsteen againn, an t-eòlas a th’aice an chuid air taobh na Gàidhlig cuideachd agus leis a’ cheòl cuideachd. Tha an t-eòlas a th’ aice dìreach sgoinneil ‘s tha sinne cho fortanach.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Bha Consairt bliadhnail na Còisir an t-seachdain sa chaidh agus le Mòd Nàiseanta na bliadhna san Òban agus cuairt le còisirean eile dhan Bhreatainn Bhig san amharc tha gu leòr a chumas Kirsteen is na seinneadairean air fad trang fhathast. Kerr Gibb, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!