FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Wildcat conservation Cùmhnadh nan Cat-fiadhaich

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Cùmhnadh nan Cat-fiadhaich

[Iain MacAonghais – Preseantair] Tha pròiseact sònraichte a’ dol an-dràsta ann an Àird nam Murchan airson feuchainn ris a' chat-fhiadhaich Albannach a ghleidheadh. Tha àireamhan a' chait-fhiadhaich air a bhith a' tuiteam, gu h-àraidh le cait taighe a' teicheadh bhon dachaigh agus a' briodachadh le na cait-fhiadhaich. Tha an aithris seo aig Seonaidh MacCoinnich.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] A-rèir na buidhne Wildcat Haven, 's dòcha nach eil ach 40 cat-fiadhaich fìor air fhàgail san dùthaich. Thòisichear plana an-uiridh airson dìon a chur air na cait ann an Àird nam Murchan agus comraich thoirt dhaibh san sgìre. An t-seachdain seo chuir iad ionad lighiche-sprèidh air dòigh ann an Talla Mhìogharraidh.

[An Dtr Pòl O’ Donoghue] This is one of the first neutering clinics of it’s kind in Scotland. We’ve brought a clinic to Wildcat country. We’ve converted a village church hall into a vet clinic and what we’re doing is we’re inviting the local community to come and bring their pet cats to get them neutered and micro-chipped free of charge. By doing that we’re actually, not only are we helping their pet cats but we’re stopping the future source of feral cats.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Agus cho cumanta ‘s a tha cait-fhiadhaich an seo?

[Mairead NicRath] An rannsachadh mu dheireadh bhathar a’ dèanamh, bha e follaiseach gun robh na cait-fhiadhaich a’ fàs gu math gann ach gu robh fhathast mun cuairt na sgìre seo, gu robh feadhainn ann. So sin pàirt dhen adhbhar a thàinig iad an seo airson am pròiseact a chur air adhart an seo.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Agus bha cothrom ann cuideachd do chlann-sgoile Ath Tharracail a bhith an sàs ann.

[Nighean 1] Carson a tha cait-fhiadhaich diofraichte ri mar pet cat, peataichean.

[Balach 1] Chunnaic mi fear anns a’ ghàrradh agam.

[Nighean 2] Agus bha sùilean mòra gorm air.

[Aonghas MacAoidh] Thàinig iad a-steach agus bhruidhinn iad ris a’ chloinn agus dh’ inns iad beagan mu dheidhinn nan cat-fiadhaich agus an staid anns a bheil iad agus gu bheil na h-àireamhan aca dol sìos ach cuideachd gu bheil sinn a’ fuireach ann an àite caran sònraichte agus tha cait-fiadhaich mun cuairt so chaidh iad a-mach latha agus bha iad ag obair anns a’ choille agus coimhead ri na traps a bha iad a’ cur sìos agus ciamar a bha na traps ag obair.

[Seonaidh MacChoinnich – Neach-aithris] Agus thathas an dòchas gun cùm a’ chlann orra leis a’ phròiseact sna bliadhnaichean ri thighinn.

[Mairead NicRath] Uill tha mi’n dòchas gum bi chionn ‘s e deagh chothrom rudeigin mar seo fhaighinn airson pàirt den churraicealam airson Sàr-Mhaitheis. Tha e toirt a h-uile càil a-staigh a bharrachd air a’ chultar againn agus faodaidh a’ chlann, gu h-àraidh an fheadhainn tha staigh san taobh Ghàidhlig, tha tòrr eachdraidh agus tha tòrr ceangalan ann ri sgeulachdan agus rudan so tha diofar rudan as urrainn dhuinn a dhèanamh fhathast bharrachd air dìreach coimhead air na cait-fhiadhaich a th’ann an-diugh.

[Seonaidh MacChoinnich – Neach-aithris] Tha am pròiseact seo eadar 20 agus 30 bliadhna a dh’ fhaid le dòchas ann aig an deireadh gum bi mìle mìle ceàrnagach de dh’fhearann ann an Àird nam Murchan gun cait feral ann idir. Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là, Ath Tharracail.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!