FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Sequamur Sequamur

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Sequamur

[Iain MacAonghais – Preseantair] Thòisich an dealbh-chluiche aig DS Moireach "Sequamur" air a' chuairt nàiseanta air feadh na dùthcha a-raoir agus iad ann an Glaschu. Tha e ag innse sgeulachd maighstir-sgoile Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh, Uilleam Gibson, a bhrosnaich mòran de na sgoilearan aige a dhol dhan Chogadh Mhòr. Bha am fear-naidheachd againn Kerr Gibb an làthair a-raoir.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Bha Gibson air sgoilearan a bhrosnachadh a dhol dhan chogadh am beachd gun tigeadh piseach agus sìth dhan Roinn Eòrpa, ach nuair nach do thachair mar a bha e an-dùil bha e ga cheasnachadh. Thug e òraid seachad ann an naoi ceud deug, deich air fhichead ‘s a dhà nuair a chaidh plàc a chur an àird a’ cuimhneachadh sgoilearan Ard Sgoil MhicNeacail a chaill am beatha. Tha Sequamur stèidhichte air beatha a’ mhaighstir sgoile agus na bha san òraid aige.

[Dòmhnall S Moireach] Rud a bha math mu dheidhinn na h-òraid a rinn e, gur e cho onarach agus cho fìor 's a bha a h-uile càil. Chan e duine dona a bha seo. Ma bha Gibson dona chan e tragedy a bhiodh ann. ‘S e duine math a bh’ann agus bha e smaoineachadh air na thachair ‘s rudan ‘s cha do thachair sin. Nam b’ e villian a bhiodh ann cha bhiodh sgeulachd agam ach cha b’ e villian a bh’ann ach duine math dha-rìribh.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] ’S e dealbh-chluich ioma-mheadhanach a th’ ann an Sequamur a’ taisbeanadh dhealbhan is bhidio gus fìrinn na cùis a shealltainn.

[Iain MacRath] Tha mi smaoineachadh gur e rud math a th’ann a bhith coimhead air, dìreach cumail na do chuimhne gur e rud fìrinneach tha seo, gur e stòraidh fhìrinneach a bh’ann agus cha b’ e ficsean. Thachair seo agus thachair e gu math tric ann an iomadach dòigh a tha uabhasach agus sàrachail agus grod chan eil dòigh eile air coimhead air.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Thug far a bheil Gallipoli teachdaireachd eile dhan dealbh-chluich còmhla ri eòlas Ghibson air litreachas clasaigeach.

[Dòmhnall S Moireach] Bha Troy, chan eil ach ochd mìle fo Gallipoli ‘s tha sin a tighinn a-steach dhan rud 's tha mi smaoineachadh, tha mi den bheachd tha sin a’ sealltainn fhios agad cha do dh’ionnsaich sinn càil. Co mheud, 3000BCE mar a chanas iad an-diugh chan e BC agus bha an aon rud a’ tachairt an uair sin a thachair ann an Gallipoli, bha daoine bàsachadh ‘s bha fhios agad commanders ‘s officers nach robh math ag obair an uair sin fios agad bha a h-uile duine th’ann nam politicians an aon dòigh ‘s a tha iad an-diugh, chan eil sinn ag ionnsachadh ‘s e sin an rud a tha dona mu dheidhinn fios agad daoine, chan eil sinn ag ionnsachadh bho eachdraidh.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Tha Sequamur air a rathad tron ath chola deug a’ tadhal air bailtean bho Dhùn Èideann gu Port Righ agus tha eadar-theangachadh mar aon ri fhaighinn dhaibhse nach eil a’ tuigsinn na Gàidhlig. Kerr Gibb, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!