FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ballachuilish quarry project Pròiseact Chuaraidhean Bhaile a' Chaolais

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Pròiseact Chuaraidhean Bhaile a' Chaolais

[Innes Rothach – Preseantair] Thathas ag ràdh gun do chur sglèat Bhaile a’ Chaolais mullach air Dùn Èideann agus Glaschu agus a-nis tha pròiseact sònraichte air tòiseachadh airson an eachdraidh sin a chomharrachadh. Tha Pròiseact Cuimhneachain Cuaraidhean Sglèat Bhaile a' Chaolais a’ cruinneachadh uidheamachd agus stòraidhean mu na cuaraidhean, a dhùin bho chionn tri fichead bliadhna. Tha tuilleadh aig Seonaidh MacCoinnich.

[Grigor Labhraidh] Tha fhios agam glan th’ annta sin chionn ‘s e fear de na càirdean agam fhìn a th’ann. ‘S e Labhrach mar a theireadh iad, Labhrach. Bha e ag obair sa chreig goirid mun do dhùin e.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Thòisich cuaraidh dìreach bliadhna as dèidh murt Ghlinn Chomhann agus thathas ag ràdh gun do chuir sgleat Baile a’ Chaolais mullach air Dùn Èideann is Glaschu.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Leis cho socair, sàmhach ‘s a tha e an-diugh, tha e doirbh smaoineachadh dìreach ceud ‘s leth-cheud bliadhna air ais gu robh còrr is sia ceud duine a’ dèanamh mu fhichead millean sgleat an seo gach bliadhna.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Dhùin e anns a’ bhliadhna 1955 ach a-nis tha pròiseact ann airson stòraidhean agus cuimhneachain nan daoine a bha ag obair a chlàradh.

[Verity Walker] It’s all about making sure that the kind of sounds, the stories and the traditions and the processes of the quarry aren’t lost, asking people just in the comfort of their own homes to tell us their stories about their family, their traditions.

[Mairead Bennett] Tha mi cinnteach gum bi sin feumail, feumaidh sinn seo a dhèanamh. Chan eil mòran bho luchd-obrach fhèin no teaghlaich seòrsa obair a bh’ ann agus seòrsa dòigh-beatha agus a h-uile rud mar sin, industrial heritage. Cha do chruinnich sinn mòran bho industrial heritage.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Agus a bheil mòran fios aig daoine san sgìre an-diugh mun obair agus mun bhuaidh a thug e air an t-saoghal?

[Grigor Labhraidh] Tha beachd agam, dh’ fhaodadh gum bi tuilleadh ùidh aig a’ ghinealach iad fhèin seach an fheadhainn a dh’fhalbh chionn cha robh mòran feirt ga thoirt don dòigh-beatha a bha sa bhaile seo sna làithean a dh’fhalbh ach tha mòr dhòchas ann gum bi agus gun tig tuilleadh dhaoine don dualchais ‘s don eachdraidh agus don a h-uile a tha prìseil a bhuineas don cheàrn seo.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Bha coinneamh ann Diardaoin airson feuchainn ri daoine anns an sgìre a bhrosnachadh gus cuimhneachadh na chruinnich iad.

[Mairead Bennett] Càite robh iad a’ fuireach? Robh iad a’ fuireach ann an seo?

[Boireannach] Yes where they were, where the Isle of Glencoe.

[Mairead Bennett] Tha tòrr ann an seo an-diugh ach ‘s dòcha nach bi a-màireach.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là, Bhaile a’ Chaolais.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!