FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Preservation of UI Church Eaglais na h-Aoidhe ga dìon

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Eaglais na h-Aoidhe ga dìon

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Tòisichidh obair-càraidh aig Eaglais na h-Aoidhe anns an Rubha an-ceartuair. Rinn an droch shìde aig toiseach na bliadhna cron mòr air na ballachan a tha a' dìon na h-eaglaise agus air a’ chladh tha mun cuairt air bhon mhuir. Chuir Alba Aosmhor £60,000 chun na h-iomairt, agus tha Urras Eaglais na h-Aoidhe agus a’ Chomhairle a' cur airgead ann cuideachd. Tha Ruairidh Rothach ag aithris.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] Air oir na mara, a’ coimhead a-mach air an Loch a Tuath tha Eaglais na h-Aoidhe. Deagh eisimpleir de dh’eaglais bho na Meadhan-Aoisean. Sna linntinn a dh’fhalbh bha an cladh far a bheil an tràigh an-diugh. Tha ballachan mara a’ cur dìon air a’ chladh ’s air an eaglais bhon mhuir ach tha milleadh a chaidh a dhèanadh san droch-shìde aig toiseach na bliadhna a’ fàgail na h-eaglais ’s a’ chlaidh ann an suidheachadh cugallach.

[Tormod MacLeòid] O mo chreach seall fhèin cho faisg ’s a tha chùis air an eaglais. Chan eil bliadhna bho chaidh trì earrainn a mhillean not a chaitheamh air an eaglais sin agus tha i nise ann an cunnart falbh. Ma thachras sin ’s e cùis-nàire bhios ann dhan àite. Feumar seo a dhìon.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] Tha an clàr-ama airson na h-obrach riatanach ri dhèanadh teann ach tha dùil gun tòiseach e a dh’aithghearr le maoineachadh bho Alba Aosmhor agus Comhairle nan Eilean Siar.

[An Comh Alasdair MacLeòid] Uill tha gu dearbha fhèin. Tha sinn fortanach gun d’ fhuair sinn taic bho Historic Scotland agus tha sinn fhìn mar urras a’ cur airgead eile ris son ’s gun cuir iad sìos rud ris an can iad ‘pilings’ sìos dhan rathad air beulaibh na h-eaglaise. ’S dìonaidh sin an eaglais tha sinn an dòchas anns na bliadhnaichean tha romhainn ach tha tòrr obair ri dhèanamh agus ann an ùine glè ghoirid cuideachd.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] Tha e soilleir ri fhaicinn an cron a chaidh a dhèanamh am-bliadhna nach cuir balla a-mhàin dìon ceart air an eaglais.

[Tormod MacLeòid] Chan eil na ballaichean fhèin math gu leòr an-diugh. Tha iad a’ cur sheeting, a’ pìligeadh siotaichean suas an siud. Tha iad den bheachd gur e siud an aon rud a chumas a’ mhuir fo dhìon, ged a dheigheadh cement mar sin a chur ann tha e ag ithe steach fodha agus an uair sin mus eil fhios agad càite bheil thu tha uamha mhòr ann. Tha a h-uile càil falamh air a’ chùlaibh.

[An Comh Alasdair MacLeòid] Tha mi creidsinn anns an àm tha romhainn, mar a tha sinn a’ faicinn a h-uile geamhradh a’ fàs nas miosa, stoirmean às dèidh stoirmean tha fàs nas motha agus tha sinn a’ sealltainn air adhart chun nam bliadhnaichean tha romhainn anns an eadar-ama feumaidh sinn seo a dhèanamh mus tachair an còrr dhan eaglais no dha na ballaichean timcheall na h-eaglaise.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] Tha Urras Eaglais na h-Aoidhe a’ tagradh airson barrachd maoineachaidh airson tuilleadh obair a dhèanamh air an eaglais san àm ri teachd. Ruairidh Rothach, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!