FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Too many potatoes on the market Cus buntàta air a’ mhargaidh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Cus buntàta air a’ mhargaidh

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Bidh Calum air ais leis a h-uile càil tha sin an-ceartuair. Nis, am buntàta air an robh mi a-mach. Tha uimhir dhiubh air a’ mhargaidh an-dràsta tha e coltach, ‘s gu bheil prìsean air an son air tuiteam gu mòr. Bha Comhairle a’ Bhuntàta a’ coinneachadh ann an Dùn Èideann an-diugh, feuch slighe air adhart aontachadh airson a’ ghnìomhachais. Thathas ag ràdh gur e cho fàbharach ‘s a tha t-sìde air a bhith bho chionn dà bhliadhna bu choireach gu bheil uimhir ann. Seo Dòmhnall MacLaomain.

[Dòmhnall MacLaomain – Neach-aithris] Cha shaoileadh tu gum biodh leithid a rud ann ri bliadhna ro shoirbheachail do thuathanaich. Ach bha an t-sìde cho fàbharach airson fàs an-uiridh ‘s gu bheil a-nis fada cus buntàta air a’ mhargaidh, a’ ciallachadh gu bheil prìsean a’ tuiteam gu eadar £20 agus £25 airson tunna. Tha sin an coimeas ris an £3millean san acair tha e a’ cosg airson buntàta a chur.

[Raibeart Dòmhnallach] Tha e caran air a bhith ag èirigh o chionn dà bhliadhna air ais, bha barrachd bhuntàta ann ‘s a ghabhadh ithe agus chaidh sin a-staigh dhan an-uiridh agus thèid sin a-staigh dhan bhliadhna seo cuideachd agus tha cus bhuntàta anns an Rìoghachd agus chan eil daoine ag ithe uimhir a bhuntàta ‘s a b’ àbhaist dhaibh. Tha iad air a dhol gu rice ‘s pasta ‘s pizza agus a h-uile gnothach mar sin agus chan eil uimhir a bhuntàta air an ithe ‘s tha sin a’ fàgail an glut a th’ann cuideachd.

Dòmhnall MacLaomain – Neach-aithris] Ach dè ‘s urrainn a dhèanamh? Uill tha Comhairle a’ Bhuntàta a’ coinneachadh ann an Dùn Èideann an-diugh. Am measg nam molaidhean airson cùisean a leasachadh, tha iomairt airson sealltainn cho fallain ‘s a tha buntàta agus feuchainn ri atharrachadh beachd - smuain ùr a tha air nochdadh gu bheil cus bhuntàta dona dhut.

[Raibeart Dòmhnallach] A’ chiad rud a chuidicheadh, dh’ fhaodadh tuathanaich iad fhèin a chuideachadh air nas lugha bhuntàta a chur dhan talamh agus chuidicheadh sin gnothach anns a’ chiad àite. B' àbhaist ‘Potato Marketing Board’ a bhith ann agus ann am bliadhnaichean mar seo, thigeadh iadsan a-staigh agus cheannaicheadh iad am buntàta agus bheireadh iad dhan mhargaid e agus bhiodh e air a bhiathadh don chrodh agus na caoraich air fad aig prìs shaor.

[Dòmhnall MacLaomain – Neach-aithris] Tha suidheachadh a’ bhuntàta a’ togail coimeasan le suidheachadh a’ bhainne san dùthaich sa, le prìsean a’ tuiteam gu ìre ‘s nach b’ fhiach do thuathanaich cumail a’ dol. Ach tha Comhairle a’ Bhuntàta an dòchas gum bi taic gu leòr ann do thuathanaich is gun tig piseach air a’ ghnìomhachas dheatamach seo a dh’aithghearr. Dòmhnall MacLaomain, BBC an Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!