FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Church of Scotland Conference Co-labhairt Eaglais na h-Alba

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Co-labhairt Eaglais na h-Alba

[Iain Macilleathain – Preseantair] Tha a' Ghàidhlig ann an cunnart bàsachadh ann an Eaglais na h-Alba, ma leanas cùisean mar a tha iad. Sin an rabhadh làidir a chaidh a thoirt seachad aig co-labhairt a chuir an eaglais air dòigh aig an deireadh-sheachdain. Bha "A' Chiad Cheum" a' beachdachadh air mar a ghabhas adhradh na Gàidhlig a leasachadh san eaglais. Tha an aithris-seo aig Coinneach Mac a' Ghobhainn.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Cha b’e òraidean a-mhàin a bh’ aig co-labhairt mun Ghàidhlig ann an Eaglais na h-Alba an Glaschu Disathairne. Còmhradh, cnuasachadh agus beagan ciùil cuideachd.

[An t-Oll Urr Aonghas Moireasdan] Bha an latha gu math fada ach tha mi smaoineachadh gur e latha fìor mhath a bha againn an-diugh. Tha sinn air cluinntinn bho luchd-labhairt bha fìor chomasach le òraidean a bha susbainteach agus cuideachail agus tha mi an dòchas gun tèid sinn air adhart le seo, le an dàrna ceum ‘s an treas cheum ‘s dòcha ach ‘s e latha fìor mhisneachail a bh’ againn an-diugh.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Eadar òraidean air na meadhanan agus dòighean ùra Gàidheil a thàladh dhan eaglais, b’ e a’ phrìomh cheist is còir dhan eaglais dèanamh?

[An t-Urr Iain Urchardan] Iomadh rud chanainn-sa agus an-còmhnaidh bunait a h-uile càil, chanadh tu ùrnaigh. Chanainn cuideachd ge-tà ann an dòigh deas-làmhach, practaigeach, airgead a chur a-steach ann, cantainn “tha sinn a’ creidsinn ann an obair mar seo gu leithid a dh’ìre agus gun cuir sinn ar n-airgead far a bheil ar beòil” agus gun canadh iad fiù’s gun dèanadh iad oifigear-leasachaidh Gàidhlig anns an eaglais airson a bhith misneachadh dhaoine agus a’ dèanamh nan ceanglaichean agus a’ neartachadh na h-obrach.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] ‘S b’ e dòchas agus misneachd rud a bha pailt ann an Eaglais an Tron far an deach a’ cho-labhairt a chumail, ged nach robhar air am mealladh mu na dùbhlain.

[Ùisdean Stiùbhart] Feumaidh sinn cuimhneachadh san latha an-diugh, tha a’ Ghàidhlig lag anns an eaglais. Tha searmonachadh Gàidhlig, tha seirbhisean Gàidhlig lag. Feumaidh sinn sin aideachadh. Ach chan eil e marbh agus rud nach eil marbh ‘s urrainn dha bhith air a thoirt beò.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Eadar sean agus òg nochd gu leòr air an latha fhèin. Ach dhaibhsan, robh e air a bhith na latha luachmhor?

[Fireannach 1] Tha gu dearbha. Tha e air a bhith uabhasach inntinneach a bhith seo an-diugh ag èisteachd ri na h-òraidean, tha e air a bhith uabhasach fhèin math. Gu h-àraidh an sin na beachdan aig Dòmhnall Meek fhaighinn.

[Fireannach 2] Tha, latha math dha-rìribh a bh’againn an-diugh. Thàinig sinne an seo còmhla ri coitheanal St Columba’s mar a chanas iad, St Vincent Street ann an Glaschu.

[Boireannach 1] Chòrd e rium math dha-rìribh. Tha ùidh agam ann an seirbhisean Gàidhlig agus choinnich mi an t-uabhas dhaoine as aithne dhomh.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Ach ‘s ann a-nise tha sùil air na an eaglais airson an ath cheum a ghabhail. Coinneach Mac a’ Ghobhainn, BBC An ann an Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!