FaclairDictionary EnglishGàidhlig

How the late John Farquhar Munro went to sea Mar a chaidh Iain Fearchar Rothach, nach mairean, gu muir

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme John Farquhar Munro Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo le Iain Fearchar Rothach

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Mar a chaidh Iain Fearchar Rothach, nach mairean, gu muir

[Dòmhnall Moireasdan] Carson a bha sibh ag iarraidh a dhol gu muir?

[Iain Fearchar Rothach, nach maireann] Uill, bha ùidh agam an-còmhnaidh anns a’ mhuir agus ann am bàtaichean agus anns an làithean samhraidh, bha mi a’ dol far an robh bràthair mo mhàthar ann an sin agus bha esan a’ ruith bus beag bho Loch Buidhe sìos gu Creagan Ùra a h-uile latha le na mailichean ‘s passengers agus bhiodh mise a’ falbh còmhla ris a h-uile latha agus leis an sin, bha mi a’ faicinn na h-obrach a bha a’ dol air adhart le na h-aithisgean aig Mac a’ Bhriuthain …

[Dòmhnall Moireasdan] Agus an tuirt sibh ribh fhèin “Ceart, tha mise a’ dol gu muir”?

[Iain Fearchar Rothach] Cha tuirt mar sin, ach bha mi toilichte leis an obair a bha a’ dol air adhart agus bha mi a’ toirt hand dhaibh air a’ chidhe agus bha mi uabhasach pròiseil às an obair a bha sin eadhon air an aiseig bheag a bha a’ dol a-mach gu Loch Earn. Ach, mar a thachair dhòmhsa, bhon a bha mi a’ gilidheachd, thàinig fear suas à Sasainn agus bha e a’ sealg airson seachdain còmhla rinn. Agus an latha mu dheireadh, bha e air an oighreachd ‘s bha e a’ falbh, is thuirt e, is thàinig e far an robh mise agus dh’fhaighneachd e dè bha mi a’ dol a dhèanamh, air robh mi a’ dol a leantainn air adhart leis a’ ghilidheachd? Uill, arsa mi, aon uair ‘s gu bheil an sealg seachad tha sinne a-mach à obair. Uill, thug e dhomh cairt bheag, thuirt e ma tha thu a’ smaointinn mu riamh a’ dol gu muir, leig fios dhomh. Cò bha seo, ach fear MacGillivray, Maighstir MacGillivray, Managing Director Furnace Lines, London. Companaidh mòr aig an àm. Companaidh mòr maraichean aig an àm. Co-dhiù, lean beagan sheachdainean, chuir mi litir thuige. Agus an ceann beagan sheachdainean, bha mi shìos ann an Gloucester ann am baile beag Sharpness far an robh Sgoil Maraiche ann an sin.

[Dòmhnall Moireasdan] An dèidh mìosan a thoirt anns a’ cholaiste ann an Sasainn, chaidh sibh gu muir, chaidh sibh ann an soithichean, dè seòrsa saoghail a bha sin? ‘S ann air deic a bha sibh?

[Iain Fearchar Rothach] Bha mi air deic, bha. Saoghal math dha-rìribh, saoghal a bha a’ toirt toileachas dhòmhsa aig an àm. A’ tachairt ri daoine ùr’ agus daoine às a’ Ghàidhealtachd, daoin’ às na h-Eileanan agus a’ seòladh mun t-saoghal air fad agus bha sin a’ toirt toileachas dhòmhsa aig an àm.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!