FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A campaign to revive Dalriada Gaelic Iomairt airson Gàidhlig Dhàil Riata ath-bheothachadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Iomairt airson Gàidhlig Dhàil Riata ath-bheothachadh

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Nise tha iomairt air tòiseachadh feuch de sheann dualchainntean Gàidhlig Earra-Ghàidheil ath-bheothachadh. Thèid clàraidhean agus taisbeanaidhean didseatach a dhèanamh do Ghàidhlig Dhàil Riata, gus an tèid aig duine sam bith a thogail. Tha sin a’ leantainn air obair a’ chànanaiche Nils Holmer, a rinn iomadh clàradh Gàidhlig anns an sgìre. Seo Calum MacIlleathain.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Gur dòcha nach eil Gàidhlig Dhàil Riata cho aithnichte ri dualchainntean eile Earra-Ghàidheil. A rèir fear a tha air cànan na sgìre a rannsachadh, buinidh an dualchainnt do sgìre farsaing tìr-mòr Earra-Ghàidheil, a’ gabhail a-steach Cnapadal, Cille Mhàrtainn, Comhghall is Eilean Bhòid am measg eile. Mar phàirt de phròiseact ùr, tha dòchas ann gun tèid clàraidhean is sgrìobhaidhean den dual-chainnt a thoirt cruinn còmhla ann an cruth didseatach.

[Àdhamh Ó Broin] Gu leòr a ghnothaichean eile anns an dùthaich seo leithid bàrdachd agus seann òrain agus sean-fhacal agus gnothaichean mar sin agus fiosrachadh mun cuairt air ainmean-àite 's na h-uile gnothaichean, gum faigh iad sin ann an làraich-lìn mar a theireadh tu, far an tig na h-uile gnothaichean sin còmhla - obair Holmer, an obair a tha mi fhèin air a bhith a’ dèanamh bho chionn còig bhliadhnaichean, obair aig leithid Dàibhidh Clement agus Fred MacAmhlaigh a rinn clàradh anns an dùthaich seo - gun toir sinn sna h-uile gnothaichean còmhla agus gun dèan sinn làrach-lìn far am faod daoine a tha ag iarraidh an dualchainnt seo ionnsachadh na h-uile gnothaichean a th’ann den dualchainnt fhaotainn anns an aon àite.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha Àdhamh a’ bruidhinn dualchainnt Dhàil Riata gu cunbhalach, agus e cuideachd air a theagaisg dhan chloinn aige. Ach a rèir rannsachadh a chaidh a dhèanamh o chionn beagan bhliadhnaichean leis an Dotair Will Lamb, tha cunnart ann gum bàsaich gach dualchainnt Ghàidhlig - ach a-mhàin Leòdhas agus Uibhist a Deas.

[Àdhamh Ó Broin] Tha sinn cho cleachdte ri bhith, mar a theireadh tu, toilichte nach d’ fhuair an cànan am bàs. Gu bheil sinn a-nis cho, mar a theireadh tu, toileach na dualchainntean mar a theireadh tu, a dhol air chall. ‘S nam bheachd gun e rud car truagh a tha sin.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha dòchas ann a-nise gun cuir daoine taic ris a' phròiseact, agus Àdhamh airson dearbhadh gum bi e comasach ath-bheothachadh a thoirt air Ghàidhlig Dhail Riata.

[Àdhamh Ó Broin] Tha mi am beachd gu bheil seo a’ sealltainn chan ann ach do dh’ Albainn fhèin agus do na h-Albannaich ach do dhaoine air feadh an t-saoghail, gun tèid aig dualchainnt a bha an imfhios am bàs fhaotainn tighinn air ais beò agus cha ruig thu leis ach do chridhe a chur ris a’ ghnothach agus tachraidh e.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Calum MacIlleathain, BBC An Là, Achadh an Droighinn.

Tha an aithris seo ri fhaotainn ann an Gàidhlig Dhail Riata

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!