FaclairDictionary EnglishGàidhlig

FilmG awards Duaisean FilmG

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Duaisean FilmG

[Màiri Rodgers – Preseantair] Abair oidhche mhòr a bha ann an Glaschu aig an deireadh-sheachdain agus Duaisean FilmG gan toirt seachad. Thàinig còrr is 400 bho air feadh Alba gu talla an 'Old Fruitmarket' sa bhaile, gus faighinn a-mach dìreach a fhuair duaisean na h-òigridh agus nan inbheach am-bliadhna. Bha Kerr Gibb an-làthair dhuinne.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Bha rionnagan telebhisein agus film an làthair airson an t-seachdamh duaisean FilmG. Ann an duaisean roinn na h-òigridh, b’e Sgoil Bàgh a’ Chaisteil a thog am prìomh dhuais am film as fhèarr.

[Ciorstaidh Dhòmhnallach] Uill dìreach thuirt na tidsearan rinn agus bha sinn a’ smaointinn dìreach airson an craic dìreach airson a bhith coinneachadh ri caraidean ‘s dìreach coimhead air na filmichean ach cha robh dùil againn dhuais fhaighinn ach bha sinn gu math toilichte nuair a fhuair.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Cuideachd, am measg nan duaisean bha Àrd-sgoil Phort Rìgh, Sgoil MhicNeacail, Acadamaidh na Grainnse à Cille Mheàrnaig agus fhuair Shannon NicIlleathain am Filmeadair Òg as Fhèarr. Thòisich duaisean nan inbheach le Film Oileanach as Fheàrr a chaidh gu ‘Crìsdean Cunnartach’ an ath Danny MacAskill a rèir cuid. Agus airson film mu na planaichean airson sgoil Ghàidhlig ùr ann am Port Rìgh, fhuair Kier Greatorex am film aithriseach as fhèarr. Ach, chaidh an oidhche gu mòr ri an chuid Iain MacAmhlaigh agus sgioba an fhilm ‘Briste’ agus Dannsairean an Eilein Sgitheanaich ‘s iad a’ toirt trì duaisean dhachaigh an urra. Dh’inns na dannsairean mu dheidhinn a tha am film anns a bheil iad, air a bheil ‘Siuthad a Sheònaid.’

[Beth] Mu dheidhinn boireannach agus duine agus bha an duine uabhasach leisg agus bha e ag ràdh siuthad a Sheònaid dèan seo dèan siud, dèan seo dèan siud agus cha robh i a’ faighinn fois.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Am measg nan duaisean a thog ‘Briste’, fhuair Erica Mhoireasdan an Cluicheadair as Fheàrr.

[Iain Beggs] Uill rud a dh’innsinn ‘s e gu bheil John Murdo uabhasach math a’ stiùireadh dhaoine agus sgioba bh’ aige cuideachd bha e dìreach sgoinneil a bhith ag obair còmhla riutha. Tha mi cinnteach gum bi John Murdo a’ cantainn an aon rud agus bha e dìreach sgoinneil a bhith ag obair le cleasaichean eile mar Ellen agus Erica agus Sean MacLeòid, bha esan sgoinneil fhèin mhath agus sin an rud a rinn e, bha e uabhasach furasta dìreach a bhith ag obair mar sin air sgàth gur e sgioba cho math a bh’ againn.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Agus le ceòl bhon chòmhlan Skipinnish, bha duaisean FilmG seachad airson bliadhna eile. B’ fhiach sùil a thoirt air làrach-lìn FilmG airson na filmichean air fad agus an fheadhainn a bhuannaich fhaicinn. Kerr Gibb, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!