FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Visitor centre at Beinn Eighe National Nature Reserve open again Ionad-tadhail Tèarmainn Nàiseanta Bheinn Eighe fosgailte a-rithist

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Ionad-tadhail Tèarmainn Nàiseanta Bheinn Eighe fosgailte a-rithist

[Innes Rothach – Preseantair] Fosglaidh an t-ionad-tadhail aig Tèarmainn Nàdair Nàiseanta Bheinn Eighe a-rithist air na Sàbaid. Chaidh na ceudan mhìltean notaichean a chosg ag ùrachadh an ionaid ‘s nan nithean mu chuairt air. Am measg nan goireasan ùra tha àite faire airson fiadh bheathaichean agus panailean fiosrachaidh mu dhualchas Ghàidhlig na sgìre. Chaidh Calum MacIlleathain a-mach airson sùil a thoirt air.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha Tearmann Nàdair Nàiseanta Beinn Eighe a’ gabhail a-steach 48 cm₂ bho mhullach na beinne shìos gu Loch Maruibhe. Le taic airgid còrr air £300,000 bho Mhaoin Leasachaidh Dùthchail na Roinn Eòrpa, tha Dualchas Nàdair na h-Alba air goireasan ùra a chur an sàs.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Thathar a’ tomhais gu bheil mu 15,000 neach-tadhal a’ tighinn gu Ionad Turasachd Beinn Eighe gach bliadhna agus tha dòchas leis na goireasan ùra a th’aca gu faigh daoine tuilleadh tuigse air an àite agus mar phàirt de sin, air ainmean Gàidhlig na sgìre.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] A thuilleadh air an àireamh sin, tha mu 50,000 neach a’ tadhal air an Tearmann Nàdair Nàiseanta gach bliadhna. Taobh a-staigh an togalaich, tha bùird-fiosrachaidh ùra a’ toirt mìneachadh air ainmean nam beann ann an Gàidhlig agus Beurla.

[Robyn Ireland] Tha sinn gu mòr airson ‘s gun cuir an chuid daoine anns an sgìre fhèin agus daoine bho nas fhaide air falbh ùine seachad anns na sgìrean seo airson tuilleadh ionnsachadh mun sgìre agus mu dhualchas nàdair na sgìre agus gum faigh iad tlachd às an ùine sin.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Anns an ionad tha cuideachd bùird le fiosrachadh mu eachdraidh agus seallaidhean na sgìre. Tha an Tearmann Nàdair Nàiseanta na dhachaigh dha beathaichean a th’air an dìon leithid fèidh ruaidh agus iolairean. Mar phàirt den taisbeanadh ùr, gheibh luchd-tadhail an cothrom bhidio beò fhaicinn bho nead iolaire agus ma tha iad fortanach, seallaidhean eile den fhiadh-bheatha a tha fuireach anns an tearmann.

[Robyn Ireland] Ma tha iad uabhasach fortanach tha cothrom aca beathaichean mar cait-fhiadhaich fhaicinn, ach anns an fharsaingeachd tha cothrom ann iolairean-mara, iolairean-buidhe agus clamhanan fhaicinn.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha an t-ionad ùr a’ fosgladh chun a’ phobaill Didòmhnaich agus e fosgailte an uair sin chun an Dàmhair. Calum MacIlleathain, BBC An Là, Beinn Eighe.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!