FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The weather with Sarah Cruickshank An Aimsir le Sarah Cruickshank

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

An Aimsir le Sarah Cruickshank

[Iain Macaonghais – Preseantair] Sùil air an t-sìde a-nis, còmhla ri Sarah.

[Sarah Cruickshank – Neach-aithris na h-aimsir] Feasgar math dhuibh. Uill aimsir shocair a th’ againn airson nam beagan làithean a tha romhainn co-dhiù agus sinn a’ faicinn gu bheil bruthadh àrd fhathast aig an stiùir, ach seo a dh’adhbhraich gum faca sinn beagan a bharrachd sgòth mu cheann a tuath na dùthcha tron latha an-diugh, gu h-àraidh tarsainn air oisean iar-thuath na dùthcha far a bheil na frasan seo gu bhith leantainn airson na h-oidhche a-nochd. Ach an uair sin, mun àm a ruigeas sinn uairean beaga na maidne tha siud gu bhith sìoladh às. Tron chòrr dhen dùthaich, oidhche an ìre mhath tioram, greisean de dh’iarmailt shoilleir a’ ciallachadh gun tuit i gu mu thimcheall air trì no ceithir Celsius. Ach far a bheil i sgòthach – sia no seachd Celsius agus a’ ghaoth gu bhith lag.

[Sarah Cruickshank – Neach-aithris na h-aimsir] Son a-màireach tha sinn a’ tòiseachadh le dealbh a bhios an ìre mhath tioram, a bharrachd air beagan de fhrasan mu cheann a tuath na dùthcha – tha iad siud gu bhith gluasad suas a dh’ionnsaigh Arcaibh agus Sealtainn mus tòisich iad a’ sìoladh às feasgar a-màireach ach dhan chòrr, latha brèagha grianach a bhios ann air feadh na dùthcha. Mar sin, a’ gabhail sùil air cùisean airson feasgar a-màireach, bidh i faireachdainn glè mhath mu thimcheall air 13 gu ruige 15 Celsius dha sgìrean air taobh siar na dùthcha agus latha gu math nas fheàrr, mu thimcheall air oisean iar-thuath na dùthcha. Ged a thòisicheas i car sgòthach tro mhadainn a-màireach tha còir gum faicear barrachd grèine na th’ air a bhith ann air na làithean a dh’fhalbh.

[Sarah Cruickshank – Neach-aithris na h-aimsir] Beagan de fhrasan fhathast againn tarsainn air Sealtainn ach dhan chòrr de oisean ear-thuath na dùthcha tha cùisean a’ coimhead glè mhath, an teòthachd a’ togail gu mu thimcheall air 18C mu thimcheall air Caolas Mhoireibh, air sgàth gu bheil beagan fasgadh an sin bhon ghaoith a bhios a’ tighinn bhon iar-dheas a-màireach agus tha a’ ghaoth an siud gu bhith ag èirigh tron chòrr dhen fheasgar ach tha i maireachdainn soilleir gu deireadh an latha agus an uair sin tioram airson oidhche Chiadain.

[Sarah Cruickshank – Neach-aithris na h-aimsir] Airson Diardaoin tha sinn a’ faicinn gu bheil bruthadh àrd an seo fhathast aig an stiùir, na h-aghaidhean sin air an iomall mar sin, an aon seòrsa aimsir a-rithist air feadh na dùthcha. Latha brèagha a bhios ann, bidh beagan sgòth a’ tighinn ’s a’ falbh tron latha ach san fharsaingeachd bidh i tioram, fìor chorra fhras tarsainn air na h-eileanan mu thuath agus a-rithist an teòthachd gu bhith togail gu snog anns a’ ghrèin, gu h-àraidh mu thimcheall oisean ear-thuath na dùthcha, 17 fiù ’s 18 Celsius ma dh’fhaoidte ach mar as fhaide siar a thathar bidh beagan a bharrachd sgòth ri fhaicinn agus sin a’ cumail an teòthachd mu thimcheall air 12 no 13C agus oiteagan gaoithe an siud gu bhith tighinn bhon iar-dheas mun àm a ruigeas sinn deireadh na seachdain agus Dihaoine, tha atharrachadh air fàire agus i tionndadh caochlaideach. Oidhche mhath leibh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!