FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Haggis Festival Fèis na Taigeis

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Fèis na Taigeis

[Anne Lundon – Preseantair] Chaidh a’ chiad Fhèis Taigeis a-riamh air a’ Ghàidhealtachd a chumail air an deireadh-sheachdain. Chruinnich sluagh aig Bun-sgoil Dhrochaid an Aonachain air Disathairne leis a' phailteas a’ dol 's dh’ionnsaich iad cuideachd iomadh dòigh air a’ mharag mhòr a dheasachadh. Tha an aithris seo aig Alasdair MacIllFhinnein.

[Alasdair MacIllFhinnein – Neach-aithris] Le cho ainmeil ‘s a tha an taigeis mar bhiadh ann an Alba, shaoileadh duine sam bith gum biodh Fèis mar seo a’ tachairt co-dhiù aon turas gach bliadhna. Chan ann mar sin a tha cùisean ge-ta. Chaidh a’ chiad Fhèis Taigeis a chumail ann an Loch Abar aig an deireadh-sheachdain. Thàinig am beachd air a son bho bhuidheann mhargaidheachd Gleann Spean agus bha e na iongnadh mhòr dhaibh nach deach a leithid a dhèanamh a-riamh roimhe.

[Alasdair MacIllFhinnein – Neach-aithris] Chruinnich an deagh shluagh de dhaoine air beulaibh Bun-sgoil Dhrochaid an Aonachain feasgar Disathairne airson na cuirm-fosglaidh. Nam measg Hamish an Taigeis. Bha toileachas ann am measg na bha an làthair gu robh tachartas sònraichte dhe leithid air a chumail san sgìre.

[Dougie Beck] A thaobh na coimhearsnachd, tha tachartasan mar seo, tha iad dha-rìribh cudromach airson ìomhaigh na sgìre seo a thogail. Aig an àm seo den bhliadhna tha cùisean fhathast car sàmhach anns an sgìre seo, ann an Loch Abar agus air a’ Ghàidhealtachd air fad agus tha sin a’ ciallachadh gu bheil e ‘s dòcha a’ tàladh dhaoine a-staigh dhan sgìre agus tha sin math an chuid dha na gnìomhachasan tha timcheall an àite seo ach cuideachd airson beagan togail a thoirt dhan phoball.

[Alasdair MacIllFhinnein – Neach-aithris] Bha luchd-ciùil bho Sgoil Chiùil Loch Abair an làthair cuideachd gus puirt a chluiche tron fheasgar. Am measg nan rudan a bha dol air adhart aig an fhèis, bha leasanan ann a bhith còcaireachd le taigeis ann an dòighean eadar-dhealaichte. Chaidh na leasanan sin a chumail le còcairean bho taighean-bidhe cliùiteach bho air feadh na dùthcha. Chruthaich iad iomadach truinnsear biadh bhlasta - mar bon bons air an dèanamh a-mach à càise gobhair agus an taigeis agus cuideachd terrine air a dhèanamh a-mach à caise gobhair, taigeis agus sliseagan de dh’ ùbhlan. Bha grunn thachartasan eile ann cuideachd, nam measg, cafaidh a bha reic biadh a leithid burgairean taigeis, taisbeanaidhean agus fèill-ealain agus ‘Haggis Highland Fling’ far an robh daoine a’ feuchainn ri taigeis a shadail cho fada ‘s a b’ urrainn dhaibh.

[Alasdair MacIllFhinnein – Neach-aithris] ‘S e seo a’ chiad Fèis Taigeis dhe leithid air feadh na Gàidhealtachd agus tha dòchas ann am measg an fheadhainn a chuir air dòigh an fhèis, gun lean i air adhart airson iomadach bliadhna ri thighinn.

[Glen Wilson] This is the inaugural festival. We’re obviously trying to judge how successful this has been and already with the feedback we’ve had during the day it’s been superb so let’s say it wouldn’t be a surprise if this runs again next year.

[Alasdair MacIllFhinnein – Neach-aithris] Agus le sin, bidh gu leòr ann a bhios toilichte cothrom blasad eile fhaighinn air a’ mharag mhòr. Alasdair MacIllFhinnein, BBC An Là, Drochaid an Aonachain.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!