FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Whisky Galore Uisge-Beatha Gu Leòr

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Uisge-Beatha Gu Leòr

[Anne Lundon – Preseantair] Thòisich cuairt air an àrd-ùrlar de dhreach ùr na nobhail ainmeil Whisky Galore. Tha an dràma Uisge-Beatha Gu Leòr le Thèatair Nàiseanta na h-Alba stèidhichte ann an taigh-seinnse air Eilean Thodaigh agus na caractaran ag innse sgeulachd an t-soithich a chaidh fodha le 50,000 bogsa de dh'uisge-bheatha air bòrd. Seo Calum MacIllleathain.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha Uisge-Beatha Gu Leòr dìreach air cuairt a mhaireas sia seachdainean a thòiseachadh, le 17 làraichean gus fàilte a chur air. Chuir Iain Fionnlaigh MacLeòid dreach Gàidhlig air an nobhail agus tha còignear chleasaichean air an àrd-ùrlar. A' gabhail àite anns an an-diugh taobh a-staigh taigh seinnse air Eilean Thodaigh, tha na caractaran a’ mìneachadh sgeulachd bàta a chaidh sìos làn uisge-beatha, dha strainnsear a th’air nochdadh anns a’ bhàr air an oidhche.

[Iain MacRath] Rud a tha sinne dèanamh tha e gu tur eadar-dhealaichte agus ga dhèanamh ann an dòigh a tha gu math diofraichte bhon leabhar. Tha sinn ag innse na stòraidh tha tachairt taobh a-staigh an leabhair ach ann an dòigh eadar-dhealaichte a-rithist.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Bidh comas aig daoine gun Ghàidhlig an dealbh-chluich a leantainn le sgàilean os cionn nan cleasaichean a’ taisbeanadh eadar-theangachadh Beurla. Tha Tèatair Nàiseanta na h-Alba cuideachd a’ dol a thrèanadh triùir ann an dràma Gàidhlig, dithis leis an sgioba chruthachail air cùl an dràma agus aonan leis an sgioba riochdachaidh.

[Megan NicGill-Fhaoilain] Tha mi nam treanaiche stiùiriche Gàidhlig agus bidh mise a’ suidhe anns na rehearsal room agus a’ cumail sùil air na tha a’ tachairt. Chan eil mise a-riamh, cha do dh’ obraich mise a-riamh anns an thèatar so ‘s e rud gu tur ùr a tha seo dhòmhsa.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha Uisge-Beatha Gu Leòr a-nise a’ siubhal mun cuairt air Alba, eadar na h-Eileanan an Iar agus prìomh-bhailtean na dùthcha. Agus ma tha sibh am beachd a dhol ann chan e dìreach taisbeanadh de dhràma a gheibh luchd-amhairc, le drama uisge-beatha ga thoirt seachad an-asgaidh air an oidhche cuideachd. Calum MacIlleathain, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!