FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Donald Morrison in conversation with Mary Bremner Dòmhnall Moireasdan ann an còmhradh ri Màiri Bremner

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuge Seo with Mary Bremner Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo le Màiri Bremner

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Dòmhnall Moireasdan ann an còmhradh ri Màiri Bremner

[Dòmhnall Moireasdan - Preseantair] Màiri Bremner, Bàn-Uibhisteach, comhairliche, tidsear, òstair, fiù`s uair dha robh saoghal, agus tè a tha ainmeil air feadh nan Eilean Siar, is gu dearbh nas fharsainge na sin cuideachd. Fàilte oirbh, a Mhàiri.

[Màiri Bremner] Fàilte ort fhèin, a Dhòmhnaill.

[Dòmhnall Moireasdan - Preseantair] Tha mi cinnteach gur e gun deach sibh air a’ Chomhairle, ‘s coireach gu bheil sibh nur suidhe an seo, is coireach gu bheil sibh cho ainmeil ‘s a tha sibh.

[Màiri Bremner] Saoilidh mi a-nis gu bheil sin ceart.

[Dòmhnall Moireasdan - Preseantair] A bheil sibh a’ dèanamh dheth gum biodh sibh ainmeil co-dhiù?

[Màiri Bremner] ’S dòcha gun robh mi air a bhith ainmeil co-dhiù.

[Dòmhnall Moireasdan - Preseantair] Ach, a dhol air a’ Chomhairle, thug sin farsaingeachd dhuibh nach robh agaibh, ‘s nach biodh air a bhith agaibh às aonais, tha mi cinnteach.

[Màiri Bremner] Thug, le cinnt, agus a-rithist thug e mi gu iomadach àite agus choinnich mi ri iomadach duine. ‘S dòcha nach robh mi air coinneachadh riutha. ‘S dòcha gun robh mi air rud air choreigin eile a dhèanamh lem bheatha ach mar a thachair agus mar a chuir mi seachad a’ mhòr-chuid dhem bheatha, tha mi gu math toilichte gur ann mar sin a rinn mi e.

[Dòmhnall Moireasdan - Preseantair] Uill, ‘s e beatha thrang a th’ air a bhith ann agaibh air a’ chomhairle agus ann an rudan eile cuideachd agus thig sinn gu cuid dhen sin. Ach thòisich a’ bheatha thrang sin gu math tràth ann an Uibhist, sùileach gu leòr nur còis, nach do thòisich?

[Màiri Bremner] Thòisich, cha robh mi ach ochd bliadhna nuair a dh’ fhalbh mo mhàthair agus bha piuthar bheag agam, bha i seachd mìosan, dh’ fhàs i tinn agus dh’ fhalbh mo mhàthair leatha, a-nis bha ochd mìosan deug as a dhèidh sin bhon nach fhaca sinn ar màthair. ‘S, bha ceathrar bhràithrean agam aig an àm a bha sin agus ‘s mi mar gum biodh a bha a’ coimhead as an dèidh, bha cuideachadh anns an taigh, ach an dèidh sin bha tòrr uallaich ormsa mar an duine a bu shine anns an teaghlach a bhith a’ coimhead as an dèidh.

[Dòmhnall Moireasdan - Preseantair] Is bha sibh gu math òg,

[Màiri Bremner] Cha robh mi ach mu ochd bliadhna.

[Dòmhnall Moireasdan - Preseantair] Anns na bliadhnaichean as-dèidh sin, nuair a dh’ fhàs sibh suas, bha sibh fhèin air a’ cheann thall os cionn obair shòisealta anns Na h-Eileanan Siar. Nise, nam biodh sibh air aithisg fhaighinn mu dheidhinn nighean, deich bliadhna a dh’ aois, no ochd bliadhna a’ dh’ aois air an robh an t-uallach sin, bhiodh sibh air gnothach a ghabhail rithe, tha mi cinnteach.

[Màiri Bremner] Bhiodh. Anns an t-saoghal a th’ ann an-diugh, ach anns an latha a bha sin, bha sinn air ar togail gu bhith ‘g obair agus cha robh sìon eile againne ach a bhith ag obair, ‘s cha robh eòlas againne air sìon eile, ‘s bha a h-uile duine a bh’ ann ag obair. Is gu seach àraid, bha iad a’ diùltadh dha daoine na bu shine anns an teaghlach a bhith ag obair agus a’ cuideachadh anns an dachaigh.

[Dòmhnall Moireasdan - Preseantair] Teaghlach mòr, cia mheud a bha anns a teaghlach?

[Màiri Bremner] Bha dà dhuine dheug anns an teaghlach againne ach mar a thuirt mi riut, bhàsaich mo phiuthar nuair nach robh i ach seachd mìosan. Agus o chionn dà bhliadhna air ais, bhàsaich bràthair eile dhomh, cha robh e ach gu math òg. Tha deichnear againne ann fhathast.

[Dòmhnall Moireasdan - Preseantair] Dèan dealbh dhomh air an t-seòrsa coimhearsnachd ann an Uibhist a Deas, dè am pàirt às Uibhist a Deas às an robh sibh?

[Màiri Bremner] Geirinish.

[Dòmhnall Moireasdan - Preseantair] Is dè seòrsa àite a bha sin?

[Màiri Bremner] Baile le fichead taigh. Bha sinn uile eòlach air a chèile. Bha a h-uile duine aig an àm a bha sin, bha iad a’ cuideachadh càch a chèile. Bhiodh sinn a’ dol a-mach às a bhaile cuideachd aig amannan cuideachd is rudan mar sin a’ tachairt. Ach, ‘s e saoghal socair a bh’ ann ann an aon dòigh, saoghal a tha gu tùr eadar-dhealaichte on saoghal a th’ ann an-diugh. Cha robh solais againne, cha robh uisge againne. Bhithinn-sa a’ tarraing dhachaigh an uisge às an tobar. Cha robh sìon dhe na goireasan againne a th’ agad an-diugh.

[Dòmhnall Moireasdan - Preseantair] Cha robh sin furasta, nighean deich bliadhna a dh’ aois, a’ cumail chàich glan, tha mi cinnteach?

[Màiri Bremner] Cha robh, agus ‘s e fiù ‘s tuba a bh’ ann airson a bhith a’ nighe a h-uile duine agus tuba a bh’ ann cuideachd airson dèanamh na nigheadaireachd agus aig amannan, bha mi dìreach a’ dol gu taobh an loch is a’ togail teine beag aig taobh an locha agus a’ dèanamh tòrr nigheadaireachd sin anns an t-samhradh. Lem chuimhne-sa, chanainn gu robh na samhraidhean a bh’ann na b’ fheàrr na samhraidhean a th’ air a bhith againne a- nise a thaobh sìde. Ach ‘s e là, mòr, mòr, mòr a bh’ ann, mu dhà no trì làithean mòra a bh’ ann, nuair a bha thu a’ dol dhan loch agus a’ dèanamh na nigheadaireachd. Bha beatha cho diofraichte. Bha sinn a’ bleoghainn nam beathaichean, bha mi a’ bleoghainn bheathaichean nuair a bha mi beag agus ag obair air a’ chroit, air feur air arbhair, is a leithid sin còmhla ri mo bhràithrean

[Dòmhnall Moireasdan - Preseantair] An t-Ionnsachadh Òg dha-rìribh.

[Màiri Bremner] Tha cuimhe a’m cuideachd, cha robh mi ach gu math, gu math òg, bha dà each aig m’ athair is bha e fhèin ag obair nas anmoiche air a’ chroit agus bha e air sinne a chur air muin an eich is bha na h-eich gar toirt dhachaigh agus bha mo mhàthair gar toirt bhon each aig an taigh.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!