FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Edinburgh reach a new level for a Scottish rugby team Dùn Èideann a' ruighinn ìre aig nach robh sgioba rugbaidh Albannach roimhe

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Dùn Èideann a' ruighinn ìre aig nach robh sgioba rugbaidh Albannach roimhe

[Angela Nic’Illeathain - Preseantair] Spòrs a-nis agus an ceann còrr is leth uair a thìde tòisichidh Cuairt Dheireannach Cupa Dùbhlan Rugbaidh na h-Eòrpa. Bidh sgioba Dhùn Èideann a’ cluich an aghaidh Gloucester ann an Twickenham Stoop. Mar a tha Ailean MacLeòid ag aithris, tha Dùn Èideann mar-thà aig ìre aig nach robh sgioba rugbaidh Albannach a-riamh roimhe.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Ann an Lunnainn, tha luchd-leantainn Dhùn Èideann a' dèanamh deiseil airson an gèama mhòr. Ach chan e dìreach turas spòrsail a tha seo dhan sgioba.

[Ùisdean MacIllinnein] Seo an gèam as motha th’air a bhith aig Dùn Èideann a-riamh chan eil teagamh, ann dìreach air sgàth nach robh sgioba Albannach riamh ann an cuairt dheireannach Eòrpach ann an rugbaidh. Tha e car coltach, cha tèid mi cho fada ri bhith ag ràdh gu bheil e car coltach ri Celtic a’ buinig Cupa na h-Eòrpa, tha mi smaoineachadh gu bheil e aig an ìre fon sin ge-tà, ‘s dòcha Cup Winners Cup anns na seann làithean nuair a bhuinig Rangers, gum faodadh tu chur air an aon ìre sin.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Gèam mòr dha-rìribh ma-thà, ach dh' fheumas Dun Èideann dèanamh a-nochd airson a’ chùis a dhèanamh air sgioba a tha air buannachadh nan aghaidh trì tursan an seusan-sa mar-thà - agus anns a bheil fear de seann ghasgaich na sgioba?

[Ùisdean MacIllinnein] Tha cunnart an lùib a’ ghèam gum bi Dùn Èideann agus ‘s dòcha Sam Hidalgo-Clyne air an glacadh leis an t-suidheachadh neo-àbhaisteach seo far a bheil an duine a dh’ fhoghlaim am fear eile, tha an dithis aca a-nis a’ tighinn còmhla agus cuideachd an dithis aca cuimhnich a’ coimhead air adhart gu Cupa na Cruinne. Tha sin ann an dòigh nas cudromaiche a’ coimhead air adhart ach cha bhi air dhòigh sam bith nas cudromaiche a-nochd air a’ ghèam agus tha taobh mòr tha fhios againn aig Laidlaw ri Dùn Èideann. ‘S e a-nis sgiobair na h-Alba agus bidh fhios aige mar a tha Dùn Èideann a’ cluich ‘s tha mise smaoineachadh gun atharraich Alan Solomons ‘s dòcha an stoidhle cluich aig Dùn Èideann mu choinneamh sin, gum feuch e ri aire a tharraing bhon chòmhstri tha seo eadar an chluicheadair air àireamh naoi ‘s gun sgaoil e a’ chluich beagan a bharrachd. Gum feuch e ri Tim Visser agus na cluicheadairean eile air an iomall agus Greg Tonks a’ tighinn a-steach dhan sgioba mar eisimpleir, gun cleachd e iadsan airson beagan dhen ìmpidh a chumail far Hidalgo-Clyne.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Dùbhlan mòr air thoiseach orra ma-thà, ach cuideachd cothrom ainm a chur an eachdraidh rugbaidh na h-Alba gu bràth. Ailean MacLeòid, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!