FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An exhibition on Perthshire engineering history Taisbeanadh air eachdraidh einnseanaraidh Shiorrachd Pheairt

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Taisbeanadh air eachdraidh einnseanaraidh Shiorrachd Pheairt

[Màiri Rodgers – Preseantair] Uill b’ àbhaist gu robh gnìomhachasan mar innleadaireachd sloc guail agus sgeamaichean hydro gu math cudromach do shluagh Shiorrachd Pheairt, ach an-diugh chan eil a leithid a dh’obair air fhàgail anns an sgìre. Mar sin thathas air pròiseact sònraichte a stèidheachadh ann an Craoibh, a’ coimhead air beatha agus cuimhneachain dhaoine a bha an sàs ann an leithid a chosnaidhean. Seo Andreas Wolff.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Luchd-ciùil bho Chonservatoire Rìoghail na h-Alba a’ cluich puirt aig an fhosgladh de thaisbeanadh sònraichte air eachdraidh einnseanaraidh Shiorrachd Pheairt ann an Craoibh.

[Mairead Bennett] Tha am pròiseact seo mu dheidhinn luchd-obrach agus bha iad uile ag obair air an t-seòrsa obrach nach eil ann an-diugh agus tha e gu math math duilich do dh’ Alba agus bha sinne bruidhinn ri luchd-obrach a bha ag obair air an t-seòrsa obrach a bha sin. A h-uile seòrsa, mar industry.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Thàinig daoine airson dealbhan fhaicinn air beatha agus obair nach eil againn sna làithean seo - bho brickworks gu rathad-iarainn Calasràid nach eil ann a-nise. Ach a rèir fear a bha na einnseanair san fhactaraidh, dh’fhaodte gur e an coire fhèin a th’ann nach eil obair aca tuilleadh.

[Dougie Reid] That’s the danger, or one of the snags of being an engineer, you engineer yourself out of a job because you constantly look upon a job as challenge, where there's a saying, “there’s got to be an easier way.’” So we make sure that we make the job easier but in the process we sometimes do ourselves out a job.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Thagh na luchd-ciùil òran sònraichte “The Tunnel Tigers.” Chaidh a sgrìobhadh mu mar a chladhaich luchd-obrach sgeama hydro leud cnoc, còrr is 550 troimh de chlach as an tunail taobh a-staigh seachdain. Agus tha a’ bhuidheann airson leabhar a thoirt a-mach a’ coimhead air an eachdraidh.

[Mairead Bennett] Bidh leabhar a’ tighinn a-mach, bithidh agus tha e faisg air deiseil. Leabhar air dìreach engineers fhèin agus seo an t-ainm a th’air “They taught us skills for life.”

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Andreas Wolff, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!