FaclairDictionary EnglishGàidhlig

80 years of Lochs Football club 80 bliadhna de Sgioba Ball-coise nan Lochan

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

80 bliadhna de Sgioba Ball-coise nan Lochan

[Calum Dòmhnallach – Preseantair] Thèid leabhar fhoillseachadh Disathairne, a’ comharrachadh 80 bliadhna de sgioba ball-coise nan Lochan. Tha iomadach cluicheadair cliùiteach air a bhith aca thar nam bliadhnaichean sin agus tha an sgioba fhèin air soirbheachadh anns na deich bliadhna mu dheireadh, mar a dh’innseas Aonghas Dòmhnallach.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Thòisich sgioba nan Lochan mar iomadach sgioba eile agus iad air am bonntachadh air aon bhaile sa sgìre, ach, cha robh sin fada a’ leudachadh.

[Donnchadh N MacLeòid] Tha dealbhan againn anns an leabhar ann an seo, a tha sealltainn sgiobaidhean nan Lochan can, anns na forties is feadhainn ann à Ceann nan Loch. ‘S an uair sin thòisich feadhainn a’ tighinn a-steach bho Ceann a Deas nan Loch còmhla ri Ceann a Tuath nan Loch ach ‘s ann an Liùrbost a thòisich iad ann an 1934.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Agus sìos tro na bliadhnaichean bha cluicheadairean math aca agus feadhainn a chaidh gu àrd ìre sa ghèam.

[Donnchadh N MacLeòid] Bha gu sònraichte bha fear ann, Iain MacGumaraid à Airigh a’ Bhruaich ‘s Baile Ailean agus shoidhnig esan cùmhnant ann an 1950 do Chelsea agus tha inneas againn air anns a’ mhagazine. Cuideachd tha mi creidsinn an cluicheadair a b’ fheàrr a bh’aig nan Lochan a-riamh ‘s e Kenny MacSween à Liùrbost. Shoidhnig esan S form, a bh’ann an uair sin, schoolboy tha mi creidsinn aig Ibrox ach thàinig an cianalas air ‘s thàinig e dhachaigh agus bha e an uair sin a’ cluich do Mhorton agus gu mì-fhortanach bhàsaich e nuair a bha e glè òg.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Agus tha sgioba nan Lochan fortanach gu bheil dìleab mhath aca do dh’ fhiosrachadh ‘s do dheilbh a tha a’ cur gu mòr ris a’ bheairteas a tha ri fhaighinn anns an leabhar-sa .

[Donnchadh N MacLeòid] Aon rud eile th’ againn mhiannachainn a ràdh ‘s e tha an t-uabhas dealbhan againn. Tha na ceudan mura h-eil na mìltean againn. Tha aon duine gu sònraichte ri taing thoirt dha airson sin, ‘s e sin Seonaidh ‘Rusty’ Dòmhnallach à Liùrbost. Tha mi creidsinn gu bheil e air 30 bliadhna a thoirt a-nis a’ gabhail dealbhan. Cuideachd tha sinn air a bhith a’ cruinneachadh fiosrachadh mu dheidhinn an sgioba bho 1934.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Ach chan e a-mhàin sgioba an latha an-dè a tha seo oir ‘s e sgioba nan Lochan an as làidir a th’ air a bhith ann an Leòdhas sna Hearadh anns an linn-sa.

[Calum MacCoinnich] Nuair a thàinig Kenny MacLeòid, Kenny ‘Tank’ MacLeòid nuair a thàinig esan na mhanaidsear fhuair esan air adhart math dha-rìribh an uair sin. Chun an sin bha sinn dèanamh a’ chùis ‘s dòcha cupan a h-uile dha no thrì bhliadhnaichean. Ann an naoi bliadhna bho 2001 gu 2010 rinn e a’ chùis air 33 cupan, cha tèid sin fhaighinn a chaoidh tuilleadh.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Tha iad gu mòr an urra ri taic agus obair saor-thoileach na coimhearsnachd agus tha iad an dòchas gun lean sin.

[Calum MacCoinnich] Cha chreid mi gu bheil mòran a’ tuigsinn na dh’ fheumas tu de dh’airgead ann am bliadhna airson sgioba a ruith. Bidh sinn a’ togail airgead ann an grunn dhòighean diofraichte agus tha mi’n dòchas gun tig tòrr a-mach agus gun ceannaich iad an leabhar agus sinn glè mhath às an sin.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Leigheas math do dheuchainnean an taghaidh, còig uairean feasgar Disathairne an ionad coimhearsnachd Liùrboist. Aonghas Dòmhnallach, BBC An air na Lochan.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!