FaclairDictionary EnglishGàidhlig

40 years of Western Isles' Council 40 bliadhna de Chomhairle nan Eilean Siar

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

40 bliadhna de Chomhairle nan Eilean Siar

[Anne Lundon – Preseantair] Tha Comhairle Nan Eilean Siar a’ comharrachadh ceann-bliadhna shònraichte, ‘s e a-nis air a bhith a’ dol 40 bliadhna. Tha gu leòr a’ coimhead air ais air na ciad bhliadhnaichean dhen chomhairle mar an fheadhainn a b’ fheàrr. Ach, chaidh teagamhan gu leòr a thogail mus d’ fhuair iad cead tòiseachaidh agus bha dùbhlain romhpa cuideachd. Seo Aonghas Dòmhnallach.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Dh’ fhosgail a’ Bhànrigh oifisean na comhairle gu h-oifigeil ceithir bliadhna as dèidh dhan chomhairle tòiseachadh. Mhol coimisean Wheatley air ath-leasachadh riaghaltas ionadail gum biodh na h-eileanan nam pàirt de chomhairle na Gàidhealtachd. Ach, chaidh dithis gu math comasach an sàs sa chùis, Dòmhnall Stiùbhart nach maireann agus fear a bha e fhèin bliadhnaichean as dèidh sin na fhear-gairm air a’ chomhairle.

[Sandy MacMhathain] Ultimately, we were able to convince the government not to adhere to the principles set down by Wheatley but actually to go along with a reservation which had been made by two members of the commission, that the Western Isles would be formed into a single unitary local authority.

[Dòmhnall Màrtainn] Agus nuair a bha iad a’ deasbad an t-suidheachaidh ann an Taigh nan Cumantan chaidh aontachadh an uair sin gum biodh a’ Chomhairle aig na h-Eileanan an Iar mar a bha Comhairle Arcaibh agus Sealtainn. Bha na trì comhairlean sin eadar-dhealaichte, bha na cumhachdan aca a bh’aig na sgìrean agus na roinnean air tìr-mòr.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Chaidh dithis gu math ciallach, seòlta os cionn a’ chiad Chomhairle an t-Urramach Dòmhnall MacAmhlaigh agus Mgr Calum MacGillFhaolain agus thòisich iad gu math misneachail.

[An t-Urr Dòmhnall MacAmhlaigh] ‘S ann a tha mi smaoineachadh tha feadhainn nas fhaide air taobh na Gàidhlig na bha iad nuair a thòisich Comhairle nan Eilean. Tha feadhainn eile ann, a’ cheart uimhir sin, tha iad car caoin suarach mu dheidhinn ach tha mòran de rùn math a-nise anns a’ chomhairle.

[Mgr Calum MacGillFhaoilain] Uill ‘s e an dòchas a th’agamsa gun dèan a’ chomhairle ùr tha seo, gun dèan i rud nach do rinn Comhairle Siorrachd Inbhir Nis riamh agus gun toir i aiseag dhòigheil dha na h-eileanan beaga.

[Dòmhnall Màrtainn] Thug iad fa-near gu robh na seirbheisean anns na h-eileanan a deas anns Na Hearadh, Uibhist agus Barraigh aig ìre fada, fada na b’ ìsle agus gu dearbha fhèin ann an iomadach suidheachadh cha robh mòran de sheirbheisean ann.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Agus, ged nach robh na làithean duilich fad às, tha e furasta a dhearbhadh gu bheil na h-eileanan nas fheàrr dheth bho thàinig a’ chomhairle.

[Dòmhnall Màrtainn] Gu mì-fhortanach an dèidh a’ chiad ochd bliadhna, dh’ fhàs an t-airgead aig an Riaghaltas gann agus bha aca an uair sin ri tòiseachadh a’ toirt sùil air an dòigh anns am b’ urrainn dhaibh sàbhalaidhean mòra a dhèanamh agus thog sin tòrr strì agus tòrr argamaid anns na coimhearsnachdan.

[Sandy MacMhathain] This is one occasion where I think the reform of local government was successful and we are reaping the benefit of it today. We have succeeded and succeeded well.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] ‘S i a’ cheist a-nise, am piseach a thig air na h-eileanan san ath 40 bliadhna. Aonghas Dòmhnallach, BBC An Là, Sna h-Eileanan Siar.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!