FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Disease in fish in the River Spey and River Dee Tinneas èisg an Uisge Spè 's Uisge Dè

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Tinneas èisg an Uisge Spè 's Uisge Dè

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Tha dragh air bùird-iasgaich Uisge Spè agus Uisge Dhè gu bheil tinneas air choreigin air sgapadh am measg cuid de dh'èisg sna h-aibhnichean aca.'S ann an easgannan a tha an tinneas, agus chan eil cinnt - aig an ìre sa - dha-rìribh a th' ann. Tha Marine Scotland a' rannsachadh na cùise. Le tuilleadh seo Doneil MacLeòid.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Tha seo a’ tighinn agus an àireamh de dh’ easgainn air a bhith a’ crìonadh gu mòr thar ùine co-dhiù, mu 95 as a’ chiad bho na 70an agus chan eil fios aig iasgairean no luchd-saidheans carson. O chionn seachdain chaidh mothachadh gu bheil easgainn a’ fulang tinneas air choreigin ann an Alba, air an chuid abhainn Spè agus abhainn ann an Siorrachd Obar Dheathain.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Tha coltas fungas air ach a rèir bùird-iasgaich air na h-aibhnichean, chan eil coltas air gin dhe na tinneasan mòra cumanta. Thathas den bheachd nach eil an tinneas air na h-easgainn cho gabhaltach agus gun glac èisg eile e leithid am bradan agus gnìomhachas iasgaich a’ bhradain cho cudromach anns na sgìrean seo.

[Neen NicAoidh] Tha mi smaoineachadh gum bi uallach dha-rìribh orra fhios agad agus tha adhbhar ann uallach a bhith air iasgairean. Chan e soidhne mhath a th’ann nuair a chì thu gu bheil galar sam bith ann an uisgeachan far a bheil iasg agus ged nach eil fhios aca aig an ìre seo dha-rìribh a tha ceàrr air na h-easgainn seo, tha iad caran iomagaineach mu dheidhinn.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Tha Ùghdarras Slàinte Èisg Marine Scotland a’ dèanamh rannsachadh air an tinneas neònach tha seo airson dèanamh dheth dìreach a th’ann agus an gabhadh a stad aig àm eile. Cuideachd, chaidh fiosrachadh a sgaoileadh do bhùird-iasgaich air feadh na dùthcha airson feuchainn ri dèanamh dheth cho farsaing ‘s a tha an trioblaid seo. A bheil aibhnichean eile air feadh na h-Alba anns a bheil e.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Tha dùil ri toradh an rannsachaidh air na h-èisg a bha fulang an tinneas an ceann seachdain ach bidh e ri fhaicinn fhathast an uimhir a bhuaidh a bheir e air an seòrsa èisg a bhuineas do dh’ Alba. Doneil MacLeòid, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!