FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Pupils from Belfast visit a school Sgoilearan à Beul Feirste a’ tadhal air Sgoil

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Sgoilearan à Beul Feirste a’ tadhal air Sgoil

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Tha e gu bhith cairteal as dèidh seachd. Nise, chaidh an dàimh eadar a’ Ghàidhlig agus a’ Ghaeilge a dhoimhneachadh do bhuidheann sgoilearan à Beul Feirste ‘s iad a’ tadhal air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Fhuair iad sealladh air iomain, dannsa Gàidhealach agus Ceòl traidiseanta a bharrachd air a’ chànan fhèin. Tha na sgoilearan bho cholaiste Bheul Feirste a’ faighinn cha mhòr a h-uile cuspair sgoile aca anns a’ Ghaeilge. Seo Kerr Gibb.

[Kerr Gibb– Neach-aithris] Airson gillean a tha cleachdte ri bhith làimhseachadh caman Èireannach, cha do ghabh iad cho luath sin ri camanachd na h-Alba. Ach, rinn na h-igheanan co-dhiù oidhirp nas fheàrr le fealla-dhà gu leòr. Air a ruith fo Iomairt Cholm Cille, tha an turas ag amas air aire na h-òigridh a tharraing gun cheangal eadar Gàidheil na h-Alba agus Gàidheil na h-Èirinn.

[Conal] I didn’t think the cultures were going to be as close and connected as they were. The language is very similar; some of the words are the same.

[Kerr Gibb– Neach-aithris] Tha tòrr ann an cumantas aig Colaiste Feirste air taobh siar Beul Feirste agus Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Stèidhichte an teis-meadhan bailtean mòra, ‘s e Beurla a th’aig a mhòr-chuid de sgoilearan anns an dachaigh ach le clasaichean sna sgoiltean gu tur tro mheadhan na Gàidhlig. Ach, thathar mothachail cuideachd gu bheil eadar-dhealachaidhean ann.

[Diarmaid Ua Bruadair] Our school is maybe, I suppose, based in a working class area of Belfast which you know, has its own culture and image in west Belfast and I suppose some of the students have commented that, you know that maybe the school here would be more a middle class background which is a very similar phenomenon to Irish medium education in the south of Ireland. You know it’s interesting, the similarities are there, the urban culture, the English at home, Irish at school. They’ve managed to connect on a few different levels.

[Kerr Gibb– Neach-aithris] Bidh cothrom aig buidheann bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a dhol air turas gu Beul Feirste ann an cola-deug, agus dùil gun tig buannachdan farsaing às an turas.

[Catriona Chaimbeul] Bidh sgoiltean uile a’ coimhead air cuspairean anns na clasaichean aca mar gràin- creideimh mar eisimpleir, agus tha mi smaoineachadh a-rithist gu bheil e a’ sealltainn gun urrainn ceanglaichean agus dàimh a bhith eadar diofar sgoiltean ‘s diofar àitichean agus diofar chreideamhan agus diofar chultaran ann an iomadach dòigh agus chan urrainn nach e rud math a tha sin.

[Kerr Gibb– Neach-aithris] Kerr Gibb, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!