FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New rules to protect shellfish Riaghailtean ùra airson dìon a chur air maorach

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Riaghailtean ùra airson dìon a chur air maorach

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Dh’ aontaich Riaghaltas na h-Alba ri riaghailtean ùra airson dìon a chur air maorach timcheall nan Eilean Siar, as dèidh molaidhean bho bhuidheann iasgach oirthirean nan eilean. Tha iad ag amas air gum bi an t-iasgach maireannach. Bhon diugh, feumaidh maorach a thèid gu tìr a bhith nas motha agus tha dòchas ann gun tog sin luach na th’ air a ghlacadh. Seo Aonghas Dòmhnallach.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Feumaidh na crùbagan agus giomaich a-nis a bhith nas motha mus gabh an reic anns na h-eileanan. Tha na h-iasgairean agus an riaghaltas an dòchas gun toir seo cothrom dhaibh àlachadh mus tèid an glacadh.

[Donnchadh MacAonghais] Tha e an-còmhnaidh duilich a’ chiad pìos de lagh fhaighinn tron t-siostam airson tha aige ri dhol dhan Roinn Eòrpa cuideachd agus tha sinne an dòchas a-nis, tha tòrr mholaidhean eile air a chur chun an Riaghaltais bho thàinig na buidhnean ionadail sin a-steach agus airson gu bheil iad air a’ chiad fhear fhaighinn tron t-siostam tha sinn an dòchas gur e seo toiseach tòiseachaidh agus gum bi iomadach moladh eile a chuireas iad troimhe airson dìon an stoc aig ìre ionadail an seo.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Agus thèid sùil gheur a chumail air na thathar a’ glacadh airson dèanamh cinnteach nach eile duine briseadh nan riaghailtean.

[Donnchadh MacAonghais] Tha sinn cinnteach, an dòigh a tha an lagh seo air a dhealbh, nach bi daoine briseadh an lagh idir airson ‘s ann airson math nan iasgairean a bhios e, a’ coimhead gur ann gu glèidhteachas agus gnìomhachas a bhios nas prothaidaiche dhaibhsan anns na bliadhnaichean tha romhainn airson coimhead man a dh’obraicheas an lagh tha seo bidh e ciallachadh nach fheum iad uimhir a chlèibh a bhith gan chleachdadh anns na bliadhnaichean tha romhainn airson an aon aireamh a ghlacadh.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Thèid a-nise coimhead ri stocan eile airson dèanamh cinnteach gun seas iadsan ri leasachadh iasgaich as ùr. Aonghas Dòmhnallach, BBC An ann an Steòrnabhagh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!