FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Late ploughing in Uist Treabhadh anmoch an Uibhist

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Treabhadh anmoch an Uibhist

[Innes Rothach – Preseantair] Chaidh cead a thoirt do chòrr is 40 croitear ann an Uibhist an talamh aca a threabhadh nas anmoiche nas àbhaist leis cho fliuch 's a tha am fearann. Le àm cur a' ruith mu mhìos air dheireadh, dh'aontaich Dualchas Nàdair na h-Alba leudachadh a dhèanamh air a' cheann-là a tha ceadaichte ann an sgìrean glèidhte. Tha tuilleadh aig Shona NicDhòmhnaill.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Feumaidh an treabhadh, cur is cliathadh anns a’ mhachaire ann an sgìre glèidhteachais a bhith deiseil gach bliadhna ron 15mh den Chèitein. Tha sin airson a h-uile cothrom a thoirt do eòin neadachadh agus àl a thoirt a-nuas gu sàbhailte.

[Seonaidh MacIlleathain] Uill ‘s e trioblaid bu mhotha bh’ againn ‘s e an sìde. Tha a’ mhachaire againn car ìosal, flat agus tha e cumail an uisge agus dhèanamaid an gnothach le riasladh air an treabhadh ach cha ghabhadh curachd a dhèanamh.

[John Allan MacGilleFhialain] Tha feadhainn ann a fhuair treabhadh a dhèanamh agus curachd a dhèanamh ach tha iad air sìol a chall. Tha an sìol air a dhol fodha ‘s tha e air a bhàthadh ‘s tha sin air a chall a-nis completely.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] An-uiridh, dh’iarr 12 croitear cead air Dualchas Nàdair na h-Alba an treabhadh a dhèanamh as dèidh an 15mh den Chèitean. Am-bliadhna fhuair SNH an aon iarrtas bho 44 croitearan eadar Bòrnais agus Baile Raghnaill.

[Flòraidh Dhòmhnaill] I haven’t asked for much information. All I need to know is the location of the plots that they’re planning on ploughing. Obviously because they’re rotated it’s important for me to know which plots they’re doing this year. And apart from that, if they’re in SRDP then I also need to notify the department, that we’ve granted that extension because again, this 15th May is a condition for them to receive their payment for the management.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chaidh an ceann-latha a ghluasad chun an latha mu dheireadh dhen Chèitean ach fiù ‘s aig an sin cha ghabhadh an obair a dhèanamh.

[John Allan MacGilleFhialain] Chan eil fhios agam bhiodh air tachairt thoireadh seo a-nis an dàrna extension againn agus chan eil fhios agam an gabh pìosan dheth dhèanamh an uair sin e fhèin. Tha an t-àite cho cianail fliuch ‘s tha dìreach a’ faileachdainn oirnn faighinn air le machinery airson a dhèanamh, airson a chrìochnachadh.

[Seonaidh MacIlleathain] Cha dèan mi an gnothach air a’ churachd a dhèanamh gun extension a thug iad dhomh chun a 1st June. Uill mi an gnothach air aige sin ach chan eil an roiligeadh dèanta fhathast ach feumaidh mi cead fhaighinn air a shon a-nis.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] A-nis bidh na croitearan a’ feitheamh air sìde thioram agus teth. Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, ann an Uibhist.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!