FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Donald Morrison in conversation with Neil Mitchison Dòmhnall Moireasdan ann an còmhradh ri Niall Mitchison

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo with Neil Mitchison Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo le Niall Mitchison

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Dòmhnall Moireasdan ann an còmhradh ri Niall Mitchison

[Dòmhnall Moireasdan] Niall Mitchison, Ceannard Coimisean na h-Eòrpa ann an Alba, eòlaiche coimpiutaireachd, eòlaiche cànain, fear ciùil, craoladair, fear-poilitigs, 's rud no dhà eile cuideachd, 's duine a thàinig bho ghinealaich de sgoilearan cliùiteach air gach taobh, fàilte ort, a Nèill.

[Niall Mitchison] Tapadh leat.

[Dòmhnall Moireasdan] Tha mi a' smaoineachadh gu bheil mi eòlach gu leòr ort airson seo a ràdh, 's dòcha nach aontaich thu leam, ach 's e duine neo-àbhaisteach a th' annad.

[Niall Mitchison] Dè th'ann an duine àbhaisteach? Chan eil fhios agam.

[Dòmhnall Moireasdan] A bheil thu a' tuigsinn dè tha mi a' ciallachadh?

[Niall Mitchison] Tha mi a' tuigsinn, tha mi a' tuigsinn. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil ùidh agam ann an iomadach rud, a' toirt iomradh air cuid math dhiubh ann an siud, 's mathaid chan eil mi ag ràdh nach eil cron ann an sin, an t-adhbhar nach eil mi nam phroifeasair oilthigh, a bharrachd air 's mathaid coimeas ri dòigh eile, cha robh mi a-riamh deònach a dhol a-steach gu rannsachadh cho mionaideach, 's cho dùinte, 's cho cuingealaichte, 's gum b'urrainn dhomh a ràdh 's e fear-rannsachaidh a th'annam. Tha fhios a'm dè nì mi leis a' chòrr de mo bheatha. Tha mi an dòchas rudan inntinneach. Cha dèan mi rannsachadh gu bràth.

[Dòmhnall Moireasdan] Bidh e gad chuingealadh cus.

[Niall Mitchison] Dìreach.

[Dòmhnall Moireasdan] 'S e duine a th' annad ged-tà a tha a' tighinn beò gu ìre mhòr san eanchainn, nach e?

[Niall Mitchison] Tha mi a' smaoineachadh. Rud beag anns a' chorp cuideachd.

[Dòmhnall Moireasdan] Uill, tillidh sinn gu diofar dhòighean, air a bheil sin fìor, ach an obair a th' agad an-diugh, obair mhòr chudromach, Ceannard oifis Choimisean na h-Eòrpa ann an Alba...

[Niall Mitchison] 'S e aon dòigh air a ràdh, bidh mise ag ràdh barrachd 'Riochdaire Choimisean na h-Eòrpa ann an Alba'', 's tha agam ri dhol a-mach a bhruidhinn ri daoine agus a dh’innse do dhaoine dè tha an coimisean a’ dèanamh agus carson a tha an coimisean ga dhèanamh. Dè dh'fhaodadh a thighinn às, is dè a’ bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig dè tha a' choimisean no actairean eile san Roinn Eòrpa a' dèanamh air am beatha. Mar sin, tha mi a’ faireachdainn ‘s e barrachd riochdachaidh a th’ ann seach a bhith nam cheannard san oifis.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!