FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Youth Philanthropy Initiative Iomairt Òigridh is Deagh-euchdachd

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Iomairt Òigridh is Deagh-euchdachd

[Innes Rothach – Preseantair] Thàinig mìosan de dh’obair gu ceann airson cuid de sgoilearan Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an-diugh. Mar phàirt den iomairt, an Youth Philanthropy Initiative, bha aca ri buidheann carthannais a thaghadh agus obair na buidhne sin a thaisbeanadh. Chaidh cuairt-dheireannach na farpais a chumail an-diugh le grant de £3000 a’ dol chun charthannais aig an sgoil a b’ fheàrr a rinn. Seo Kerr Gibb.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Ceithir britheamhan, seachd sgiobaidhean agus £3000 ri ghleidheadh airson aon bhuidheann charthannais. Seo an Iomairt Òigridh is Deagh-euchdachd, air a bheil sgoilearan aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air a bhith ag obair.

[Donalda NicComb] An t-amas a tha air cùlaibh an seòrsa pròiseict a tha seo ‘s e a bhith toirt sgilean, no a’ leasachadh sgilean na h-òigridh, gu h-àraidh mun cuairt air a bhith ag obair còmhla ann an buidhnean, a’ dèanamh rannsachadh, toirt seachad beachdan agus a’ cur a h-uile sìon ri chèile ann an dòigh tarraingeach airson am phoball air am beulaibh. Tha an carthannas fhèin, tha sinn ga chur gu aon taobh nuair a tha sinn a’ coimhead air a’ bhuidheann as fheàrr ach aig deireadh gnothaich tha an carthannas sin a’ faighinn luach £3000 airson an obair a tha iad a’ dèanamh.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Am -measg nam britheamhan bha dithis seann sgoilear bhon Sgoil Ghàidhlig, Helen NicNèill a tha ag obair le buidhnean charthannais ann an Glaschu agus ceannard na sgoile, Donalda NicComb.. Thug gach sgioba taisbeanadh seachad ag innse mu obair na buidhne carthannais a thaghadh iad agus gu cudromach - dhèanadh a’ bhuidheann sin leis an airgead. Agus an-dèidh cothrom dha na britheamhan meòrachadh air na chuala iad, chaidh ainmeachadh gun tèid trì mile not ri Women’s Aid Lannraig a Deas an dèidh do sgioba Zach, Conall, Jessica is Lauren soirbheachadh.

[Zach] Chaidh sinn dhan charthannas agus fhuair sinn a-mach tòrr fiosrachaidh mu dheidhinn a’charthannas agus na rudan a tha iad a’ dèanamh agus an uair sin leis an fhiosrachadh sin thill sinn air ais dhan sgoil agus chuir sinn ri chèile presentation.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Agus gu follaiseach thug obair Woman’s Aid buaidh mhòr air an sgioba.

[Zach] Nuair a chaidh sinn dhan charthannas bha fios againn as dèidh mionaid no dhà gun robh feum againn rudeigin a dhèanamh airson a’ charthannais seo agus a-nis tha sinn gu math toilichte gu bheil sinn air sin a dhèanamh.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Dh’inns Helen NicNèill gu bheil an ùidh is an aire a sheall an òigridh air fad dhan cuid cathrannasan aig a’ cheann thall a cheart cho cudromach ris an airgead agus le sin chaidh amas na h-iomairt a choileanadh. Kerr Gibb, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!