FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The 15th International Congress of Celtic Studies at the University of Glasgow An 15mh Còmhdhail Eadar-nàiseanta na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

An 15mh Còmhdhail Eadar-nàiseanta na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu

[Anne Lundon – Preseantair] Calum MacIlleathain ag aithris. Thèid an 15mh Còmhdhail Eadar-nàiseanta na Ceiltis a chumail airson a’ chiad uair aig Oilthigh Ghlaschu an ath-mhìos. Thathar a’ meas na Còmhdhail mar a’ phrìomh chruinneachadh de sgoilearan eachdraidh agus cànain nan Ceilteach agus e a’ gabhail àite a h-uile ceithir bliadhna. Tha tuilleadh aig an fhear-naidheachd againn Kerr Gibb.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Bha Aonghas MacMhathain - a’ chiad Chathair Ceilteach aig Oilthigh Ghlaschu - an làthair aig a’ Chiad Chòmhdhail Eadar-nàiseanta ann am Baile Atha Cliath, ann an 1959. Ach, cha deach a’ Chòmhdhail a chumail aig Oilthigh Ghlaschu fhèin gu ruige seo.

[Roibeard O Maolalaigh] Dh’ fheumadh sinn tagradh agus iarrtas a chur a-staigh air a shon ‘s bha tòrr farpais ann gun teagamh agus dh’ fheumadh sinn sin a dhèanamh aig a’ cho-labhairt mu dheireadh. Tha mi uabhasach toilichte gun deach againn agus gun deach leinn leis an iarrtas againn agus gu math math toilichte gu bheil i tighinn thugainn.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Bidh 450 a’ frithealadh is iad a’ tighinn bho chòig thar fhichead dùthaich air feadh an t-saoghail. Le mu 350 pàipearean acadaimigeach gan toirt seachad air cuspairean cho farsaing ri na Ceiltich ann an Galicia, agus Leabhraichean Cloinne ann an Cuimris. Agus thèid 4 ceuman urramach a bhuileachadh le urram sònraichte dhan Ghàidhlig.

[Roibeard O Maolalaigh] ‘S e urram dha-rìribh a th’ann do dh’oilthigh Ghlaschu, a’ chiad trup a bha a’ cho-labhairt againn. Ach, tha sinne airson urram a thoirt dhan Ghàidhlig agus tha, tha a’ Ghàidhig air cridhe na Còmhdhalach tha seo agus tha sin gu bhith gu math math làidir mu dheidhinn sin agus mar eisimpleir, air an sin, tha sinn gu bhith toirt seachad ceithir ceuman urramach do shàr sgoilearan. Coigrich a th’ annta uile ach a thàinig an seo o chionn ‘s dòcha 40 bliadhna agus a rinn obair dìreach ionmholta air Gàidhealtachd le dual-chainntean nach eil beò an-diugh airson a’ mhòr-chuid.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Tha cuid air gearan a dhèanamh nach eil e comasach tiogaid airson aon latha a-mhàin a cheannach.

[Fiona Dunn] Rinn sinn co-dhùnadh bhon toiseach gun a bhith tabhainn tiogaidean airson aon latha. Chan e co-labhairt àbhaisteach a th’ann idir anns a’ Chòmhdhail. Tha cothroman gu bhith ann èisteachd ri pàipearan rannsachaidh bho air feadh an t-saoghail, tha cothroman ann a dhol an lùib tachartasan sòisealta agus cuideachd a dhol air chuairt an taobh a-muigh Ghlaschu. Tha sinne an dòchas gun gabh daoine ris na cothroman air fad sin agus gu sònraichte leis nach bi a’ chòmhdhail ach a’ tachairt aon turas gach ceithir bliadhna.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Mar cheannard Urramach na Còmhdhalach tha an t-Ollamh Dòmhnall Meek.

[Dòmhnall Meek] Tha an sgoilearachd aig cridhe a’ ghnothaich air fad agus farsaingeachd sgoilearachd. Tha an saoghal gu lèir a’ tighinn a Ghlaschu mar gum biodh, na sgoilearan. Bidh daoine ann à Èirinn agus à Iapan, à thaobh an t-saoghail, agus tha seo na dhealbh air cho farsaing ‘s a tha na sgrùdaidhean Ceilteach air fàs farsing air feadh an t-saoghail agus cuideachd farsaing a thaobh chuspairean.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Le 350 pàipear gan toirt seachad agus còrr is 400 gu bhith a’ tadhal ‘s e tachartas a tha seo air a bheil gu leòr a dèanamh fiughair. Kerr Gibb BBC An Là, Oilthigh Ghlaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!