FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Lego Exhibition in Inverness Taisbeanadh Lego an Inbhir Nis

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Taisbeanadh Lego an Inbhir Nis

[Anne Lundon – Preseantair] Nise tha taisbeanadh sònraichte air fosgladh ann an Inbhir Nis aig am bi ùidh aig feadhainn òg - agus 's dòcha feadhainn nach eil cho òg. Tha "Brick Wonders" aig Taigh-Tasgaidh Inbhir Nis a' sealltainn thoglaichean agus àiteachan agus seallaidhean iongantach bho air feadh an t-saoghail, uile air a thogail le Lego. Tha tuilleadh aig Seonaidh MacCoinnich.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Chan ann tric a bhios cothrom ann Balla Mòr Shìona, Drochaid Lunnainn agus Pioramaid Mòr Ghiza uile fhaicinn aig an aon àm. Ach airson mìos, tha iad uile aig taigh-tasgaidh Inbhir Nis, ann an Lego. Còmhla ri Stonehenge, Taigh Solais Alexandra, Gàrraidhean Bhabylon agus fiù ‘s model T ford chaidh an cur ri chèile le Warren Elsmore a thug iomadh mìos gu na structairean a dhèanamh. Airson am port-adhar fhèin a dhèanamh, chleachd e còrr is 180,000 pìos. Ach le toys eileagtronaigeach an-diugh, bheil ùidh aig clann ann an Lego?

[Cathy Shankland] I think everybody is fascinated with Lego. So many older people have been coming in to the exhibition too who have really, really been impressed by the things they’ve seen there and they still have an interest in Lego. I think they say a lot of architects start out creating things in Lego and go on to become prize winning architects. So I think Lego is not just for children, it’s for everybody.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis tha iad air club Lego a thòiseachadh am-bliadhna airson clann-sgoile a chuideachadh, an chuid a thaobh na Gàidhlig agus nan sgilean sòisealta aca.

[Anne Marie NicGhriogair] 88779 sinn a’ smaointinn gum biodh e math dhan chloinn sgilean a dhèanamh nuair a bha àm òir aca. Anns a’ chluba sin feumaidh iad a bhith ann an dithisean. Bidh aon sgoilear a’ leughadh a-mach an stiùiridh, ann an Gàidhlig agus bidh an sgoilear eile an uair sin a’ togail rudeigin a-mach às an Lego a’ cleachdadh an stiùiridh so bha sinn a’ smaointinn gum biodh e math dhan Ghàidhlig aca.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Agus ciamar a tha a’ chlann fhèin a’ faireachdainn mu dheidhinn?

[Pàiste 1] Tha Lego math air sgàth tha thu a’ togail rudan agus tha thu cleachdadh do mhac-meanmna.

[Pàiste 2] Is toil leam Lego air sgàth tha tòrr diofar dathan ann agus faodaidh tu dèanamh rud sam bith a tha thu ag iarraidh.

[Pàiste 3] Fhathast tha mi smaoineachadh gu bheil Lego City math ach ‘s toil leam Lego Technic nas fheàrr.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] A bharrachd air an taisbeanadh proifeasanta, tha rud no dhà ann a rinn clann ann an sgoiltean na Gàidhealtachd, a’ sealltainn Loch Nis, an taigh-solais aig Noss agus Pàirce Chaledonian Thistle. Ach chan eil mi uabhasach cinnteach cho fìor ‘s a tha luchd-amhairc Caley Thistle, gu h-àraidh son a’ mhanaidsear. Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là, Inbhir Nis.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!