FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New market in Grimsay Margaidh ùr ann an Griomasaigh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Margaidh ùr ann an Griomasaigh

[Iain MacAonghais – Preseantair] Nise, tòisichidh margaidh ùr ann an Griomasaigh ann an Uibhist a-màireach. Bidh biadh agus stuthan ionadail eile gan reic ann gach Diciadain bho seo a-mach. ’S ann anns an t-seann Eaglais Shaor a bhios a’ mhargaidh, cheannaich a’ choimhearsnachd an togalach sin an-uiridh. Chaidh an tè-naidheachd againn ann an Uibhist, Shona NicDhòmhnaill a dh’ fhaicinn cuid de na bhios ri fhaotainn ann.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Aig aon àm bha grunn bhùithtean air Eilean Ghriomasaigh. Dh’ atharraich sin, ach a-nis tha buidheann coimhearsnachd ag amas air a’ chuibhle sin a thionndadh mun cuairt.

[Ealasaid NicAoidh] ’S e rud ùr a tha sinn a’ tòiseachadh. Tha sinn air airgead fhaighinn airson margaidh a thòiseachadh son bliadhna agus bidh tòrr ghnothaichean againn so tha sinn an dòchas gun tig daoine a-mach. Bidh bèicearachd againn, tha muinntir Griomasaigh tha sinn famous son na bèicearachd againn agus tha a h-uile duine an-còmhnaidh gar moladh cho math ‘s a tha sinn uile air bèicearachd. Bidh arts & crafts againn, bidh lusan agus rudan mar sin againn ri reic do dhaoine.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Bho chionn beagan bhliadhnaichean ’s e treastaichean a bha lìonadh an rùim seo agus air feasgar Diciadain ’s ann a’ cruinneachadh airson coinneamh ùrnaigh a bha muinntir an àite.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Nuair a ghluais coitheanal na h-Eaglaise Saoire gu togalach eile, chaidh an eaglais a reic agus dachaigh a dhèanamh dhith. Ach fhuair a’ choimhearsnachd cothrom a ceannach an-uiridh.

[Ealasaid NicAoidh] Bha an t-àite ga reic so cheannaich sinn e airson na coimhearsnachd agus bha coinneamhan againn mu bha daoine airson a dhèanamh ris agus dha na rudan a thàinig suas ‘s e gu robh daoine ag iarraidh margaidh a bhith ann.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Bho chionn beagan bhliadhnaichean, bha cothroman aig bèicearan Ghriomasaigh stuth a reic aig tachartasan eile mun eilean.

[Anna NicFhionghain] Bha nuair a bhiodh na lunches againn sa Gheamhradh sna Ceallain nuair a bha iad ann agus tha summer teas, bha sinne nam measg ann an sgoil sna Ceallain. Bhiodh stall ann ‘s bhiodh daoine reic rudan ‘s bhithinn-sa cur scones ann agus feadhainn eile a bharrachd agus rudan mar sin. Rudan math mar sin.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Còmhla ris an sin bidh snàth bhon mhuileann aig Clòimh Uibhist ga thaisbeanadh agus ga reic. Seo an aon àite far am bi an snàth, a th’ air a shnìomh ann an Griomasaigh agus air a dhèanamh bho clòimh Uibhisteach ri fhaighinn an-dràsta.

[Niall Monk] Tòrr dhaoine, bidh iad a’ faighneachd cuin a tha sinn dol a thòiseachadh ga reic ‘s tha mi smaointinn, tha interest mhòr ann, tòrr dhaoine tha dìreach timcheall an àite fhèin. Tha sinn an dòchas gum bi customers gu leòr againn tighinn a-staigh. Tha sinn an dòchas co-dhiù.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Bidh na dorsan fosgailte eadar trì agus sia uairean feasgar gach Diciadain tron t-samhradh agus atharrachaidh sin gu fosgladh agus dùnadh uair nas tràithe anns a’ Gheamhradh. Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, ann an Griomasaigh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!