FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The 175th Royal Highland Show An 175mh Fèill Àiteachais Rìoghail na Gàidhealtachd

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

An 175mh Fèill Àiteachais Rìoghail na Gàidhealtachd

[Iain Macaonghais – Preseantair] Nise, tha Fèill Àiteachais Rìoghail na Gàidhealtachd air tòiseachadh aig ionad Ingliston faisg air Dùn Èideann. Tha an fhèill air a bhith ruith airson 175 bliadhna a-nis, ‘s tha dùil ri grunn mhìltean dhaoine tro na geataichean eadar seo agus na Sàbaid seo tighinn. Mar a chunnaic sinn bhon fhear-naidheachd againn Darren Linc ge-tà, tha draghan air luchd-àiteachais mu staid a’ ghnìomhachais.

[Darren Linc – Neach-aithris] Tractaran, tuathanaich, tairbh. Tha cothrom aig cuid spòrs a bhith aca dìreach a’ coimhead timcheall aig an fhèill-sa. Do chàch, ‘s e cothrom a th’ann ceanglaichean a dhèanamh agus an gnothach aca fhèin a chuideachadh. Seo an dàrna turas aig Uist Asco, companaidh meadhanach ùr à Uibhist a Tuath, a tha a’ giullachd feamainn, a bhith aig an fhèill.

[Raghnall MacIain] Uill bha sinn an seo an-uiridh airson a’ chiad turas agus bha sinn air leth trang an-uiridh. So tha dùil againn, tha fhios aig daoine gu bheil sinn a’ tighinn a-nuas a-nis agus tha daoine air eòlas a chur oirnn. Tha daoine fònadh thugainn fhathast bhon turas a bha sinn aig an show mun àm seo an-ùiridh ‘s tha dùil againn gum bi sinn nas trainge am-bliadhna.

[Darren Linc – Neach-aithris] ‘S e cothrom a th’ann an cruinneachadh mar seo a bhith gabhail tomhas air na draghan agus na ceistean mòra a th’aig daoine a tha an sàs ann an obair fearainn. An dragh as motha chuala mi am-bliadhna - ‘s e mar a tha dùil ri maill air subsadaidh ùr am ‘basic payment scheme’ a tha tighinn an àite an t-seann ‘single farm payment.’ B’àbhaist dhan airgead a bhith tighinn a-staigh san Dùbhlachd, ach tha dragh ann am-bliadhna-sa gum bi a’ Chèitean ann an ath-bhliadhna mus tig e an turas seo.

[Dòmhnall Moireasdan] Tha amharas agam gum feum daoine a b’ àbhaist a bhith cumail stoc gu toiseach an ath-bhliadhna - feumaidh iad sin a reic nas tràithe airson airgead fhaighinn bho nach eil a’ tighinn a-staigh ann an subsadaidhean. Ach aig an aon àm, na daoine a bhios a’ ceannach na stuic tha sin, ‘s e airgead an t-subsadaidh a bhiodh ga cheannach dhaibhsan agus tha an rud a’ dol a bhualadh ri chèile agus tha e cur dragh ormsa, ma bhios barrachd bheathaichean gan reic anns an fhoghar seo, a thaobh nach eil airgead ann dha na croitearan agus dha na tuathanaich aig an àrach, aig an aon àm cha bhi airgead aig daoine a cheannaicheas iad.

[Raghnall MacIain] An aon rud as urrainn dhomh faicinn as urrainn dhaibh a dhèanamh, ‘s e tighinn a-mach le ‘interim payment’ ann an December agus mar as cliobhaire iad sin agus innse do dhaoine gum bi iad a’ faighinn rudeigin ro dheireadh na bliadhna agus sin a’ guaranteeadh, mar as cliobhaire iad sin ‘s e as fheàrr.

[Richard Lochhead] It is a new system and it’s very very complex, this new policy. So we cannot guarantee it’ll be exactly the same timetable for payments we’ve had in previous years. We’re somehow a victim of our own success because we always pay at the earliest possible time. It may take a bit longer this year for the 2016 payments to go out. I’ll do my best to make sure these payments go out the door before the end of the year.

[Darren Linc – Neach-aithris] Nuair a thig a fèill a tha seo gu crìoch ma tha, bidh na grunn mhìltean air a thighinn tro na geataichean agus air gu leòr fhaicinn, gu leòr ithe, gu leòr òl. Ge-tà bidh na ceistean agus na draghan mu àiteachais ann an Alba, obair an fhearainn, bidh iad sin a’ leantainn. Darren Linc, BBC An Là, faisg air Dùn Èideann.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!