FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Preparations to commemorate the Iolaire disaster Ag ullachadh airson tachartasan cuimhneachaidh na h-Iolaire

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Ag ullachadh airson tachartasan cuimhneachaidh na h-Iolaire

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Thòisich còmhraidhean airson oidhirp shònraichte a dhèanamh 100 bliadhna bho na thachair uabhas an Iolaire a chomharrachadh. Chaill còrr is 200 duine am beatha nuair a chaidh an t-soitheach, air an robh fir a bha tilleadh bhon Chiad Chogadh, air na creagan faisg air Steòrnabhagh. Tha trì bliadhna gu leth ann mus bi an ceann-là ann, ach thathas airson tòiseachadh ag ullachadh tachartasan cuimhneachaidh. Tha an aithris-sa aig Murray MacLeòid.

[Murray MacLeòid – Neach-aithris] Chan eil mòran nithean ann an eachdraidh an eilein cho tiamhaidh ri oidhche na bliadhn’ ùire 1919. Chaill 200 duine am beatha, a’ chuid mhòr bhon eilean, dìreach slatan bho chofhurtachd is sàbhailteachd an dachaighean agus sin as dèidh tighinn troimhe uabhasan a’ Chiad Chogaidh. Cha robh teaghlach no coimhearsnachdan air an eilean air nach do bhuail e.

[Dòmhnall Màrtainn] Tha mi creidsinn nach robh tubaist aig an robh uiread de bhuaidh air teaghlaichean, air coimhearsnachdan ‘s air eileanaich ann an Leòdhas agus Na Hearadh ri call an Iolaire agus tha e freagarrach agus iomchaidh gu bheil sinn a’ beachdachadh air rudan a dhèanamh ann an 4 bliadhna eile airson 100 bliadhna a chomharrachadh. Agus chan e a-mhàin na rudan a tha sinn dol a dhèanamh aig ìre ionadail ach tha comataidh nàiseanta - panail comharrachaidh a’ Chiad Chogaidh tha iad sin air aontachadh gur e seo an tachartas mu dheireadh a bhios ann ann an sreath phrògraman nan ceithir bliadhna agus air sgàth sin tha mi creidsinn gu bheil e iomchaidh gum bi an tachartas agus an tubaist a’ faighinn inbhe aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

[Murray MacLeòid – Neach-aithris] Ann an trì gu leth bliadhna eile, bidh 100 bliadhna air a dhol seachad agus tha ullachaidhean air tòiseachadh mar-thà airson an oidhche a chomharrachadh.

[Dòmhnall Màrtainn] Chithear dh’ fheumar a dhèanamh, sgrùdadh a dhèanamh ach am faic sinn na cosgaisean a tha gu bhith ann airson an obair calpa a dh’ fheumas a dhèanamh agus feumar an uair sin a dhol a-mach agus airgead a shireadh ‘s dòcha, airgead a thogail am measg choimhearsnachdan agus airgead fhaighinn bho na buidhnean poblach agus buidhnean prìobhaideach ‘s tha a h-uile càil a tha sin dol a thoirt ùine.

[Murray MacLeòid – Neach-aithris] Bidh ainmean an fheadhainn a chaill am beatha sgrìobhte gu bràth ann an eachdraidh an eilein. Ach chan e sgeulachd a th’ann aig a bheil fios aig cus dhaoine taobh a-muigh nan eilean fhèin? ‘S dòcha ge-tà gun cuir na tachartasan comharrachaidh sin ceart.

[Donaidh MacÌomhair] Tha mise an dèidh a bhith faighinn tòrr emails bho dhaoine a-mach à seo, legions eile, faighneachd a bh’ anns an Iolaire ‘s thachair. Chan eil tòrr fios feadh na dùthcha, ged a chaidh leabhraichean gu leòr a sgrìobhadh mu dheidhinn agus prògraman a dhèanamh mu dheidhinn. Timcheall na dùthcha chan eil fhios aig tòrr mu dheidhinn ‘s cha bu chòir dhan sin a bhith. Bu chòir cuimhne bhith againn air an rud a thachair an seo ‘s cho duilich ‘s a bha e aig an àm agus tha e duilich fhathast fiù’s a’ smaoineachadh air.

[Murray MacLeòid – Neach-aithris] Chan eil e na iongnadh sam bith gu bheil daoine airson cuimhne an iolaire a chumail beò.

[Donaidh MacÌomhair] Chan eil baile san eilean nach do chaill cuideigin, nach do chaill barrachd air aon duine anns an tubaist a bha seo agus tha daoine bruidhinn air fhathast. Chan fhaigh iad seachad air, ged a tha tìde dol seachad. Daoine a bha beò an uair sin, uill chan eil duine aca beò a bh’ann an uair sin ach an dèidh sin tha sinn a’ cumail cuimhne air.

[Murray MacLeòid – Neach-aithris] Tha sgeulachd an Iolaire fhathast gu mòr ann an inntinn nan eileanach agus tha fhios gu bheil e iomchaidh gu leòr 100 bliadhna bho thachair an t-uabhas a chur fa chomhair a’ mhòr-shluaigh mar chuimhneachain. Murray MacLeòid, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!