FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The success of the Ulva project Pròiseict Ulbha a' soirbheachadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Pròiseict Ulbha a' soirbheachadh

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Tha a' bhuidheann a tha air cùl pròiseact taigheadais Chaolas Ulbha gu math faisg air an targaid-ionmhais aca. Bha mu £400,000 a dhìth orra airson an sgeama. Chan eil aca ri thogail a-nis ach nas lugha na £4,000. Chan eil ach mu 100 duine a' fuireach ann an Caolas Ulbha, àite iomallach air taobh siar Mhuile agus mar a fhuair am fear-naidheachd againn Andreas Wolff a-mach, tha iomadh pròiseict eile aca cuideachd.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Uair sa mhìos bidh daoine bho air feadh an Eilein Mhuilich a’ cruinneachadh is iad a’ seinn còmhla. Ron seo, bha e doirbh do chuid sna h-àitichean as iomallaiche faotainn ann. Ach a-nis, tha bus gan toirt ann bho thaobh siar an eilein.

[Chrissie Dhòmhnallach] Tha sinn tighinn suas an seo agus tha sinn a' coinneachadh daoine, sin na tha mise ag iarraidh. Faicinn daoine bho An Ros, Mhuile. Ach chan eil iad an seo an-diugh, chan eil fhios càite bheil iad, chan eil fhios agam. Agus bidh sinn a’ seinn. Chan urrainn dhòmhsa seinn ach co-dhiù tha iad a’ seinn is tha mi ag èisteachd. Tha mi duilich gur e òran Beurla a tha iad a’ seinn, chan eil fhios agam carson a tha sin.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] O chionn ghoirid, thòisich am bus seirbheis le clàr-ama a’ ruith, rud nach robh ann an caolas Ulbha co-dhiù bho chionn 10 bliadhna. Chan e a-mhàin nach robh còmhdhail phoblach ri fhaotainn ge-tà ach tha gainnead thaighean cuideachd na dhuilgheadas. Tha Alasdair Satchel dìreach air taigh a thogail e fhèin, as dèidh dha fear a lorg fad ùine mhòir.

[Alasdair Satchel] Bha duilgheadas aig an sgoil le na h-àireamhan cho beag. Bha dìreach mar, ochdnar san sgoil. So thug USCA – Ulva School Community Association – air dòigh agus thòisich iad a’ bruidhinn mu dheidhinn nan rudan as cudromaiche agus an rud as cudromaiche airson na daoine ‘s e taighean sàbhailte.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Thathar an dùil ri thaigh a thogail agus cosgaidh am pròiseact £400,000. Fhuair iad taic airgid à iomadach àite agus as coltach gu bheil a-nise nas lugha na £4000 a dhìth orra. Ach chan eil cùisean a’ dol a stad aig an sin. Thathar cuideachd an dòchas pontùn ùr a thogail agus leasachadh a bharrachd aig a’ chaolas fhèin.

[Cally Fleming] This will include toilets, showers, a mini launderette, a shop area, possibly a tearoom, visitor information and maybe other facilities as well and also help manage the increasing number of tourists that come to Ulva Ferry. Again, in anticipation of the forthcoming introduction of RET.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Chan eil ach beagan is 100 neach a’ fuireach san sgìre seo, ’s coltach gu bheil mòran dhuibh agus na gnìomhachasan beaga a’ coimhead air adhart ri na leasachaidhean seo. Andreas Wolff, BBC An Là, Caolas Ulbha.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!